Dùil ri Taigh-Cèilidh ron t-Samhradh

  • Air fhoillseachadh
CafaidhTùs an deilbh, Getty Images

Tha dòchas ann gum fosgail Taigh-cèilidh Gàidhlig ùr ann an Steòrnabhagh ron t-Samhradh.

Chaidh airgead gu leòr a thogail airson seann bhùth air Sràid na h-Eaglaise a cheannach agus tha bòrd-stiùiridh a-niste os cionn a' phròiseict.

'S ann air àite a thoirt do Ghàidheil ann an Leòdhas far am bi cinnt aca gu bheil Gàidhlig aig càch a tha am pròiseact ag amas, agus rannsachadh air sealltainn gu bheil cuid diùid agus mì-chofhurtail a' Ghàidhlig a chleachdadh le daoine nach aithne dhaibh.

"Bidh cafaidh a-staigh agus faodaidh daoine cofaidh is ceic a ghabhail," thuirt Teàrlach Wilson, a th' air cùl a' phròiseict.

Bòrd-stiùiridh

"Ach cuideachd bidh leabhraichean againn - agus cha bhi ach leabhraichean Gàidhlig againn - agus cuideachd tachartasan Gàidhlig, farpaisean ceist, bùithdean-obrach, amhrain, cearcallan còmhraidh, agus tachartasan cuimhneachaidh far am bi seann daoine a' tighinn a-steach 's bidh iad ag innse mu dòigh-bheatha a bh' ann nuair a bha iad a' fàs an-àirde ann an Leòdhas.

"Tha bòrd-stiùiridh againn a-nis gu h-oifigeil, agus tha daoine aig a bheil Gàidhlig, ach cuideachd eileanaich aig nach eil Gàidhlig - fhathast co-dhiù - air, agus tha sin a' sealltainn gu bheil daoine airson àite mar seo fhaicinn anns a' bhaile.

"Bidh daoine a' tighinn a-steach dhan bhaile gu math tric bhon dùthaich agus gu ìre 's e briseadh-dùil nuair a thig thu a-steach dhan bhaile agus cha chleachd gnìomhachasan a' Ghàidhhlig.

"Faodaidh tu a dhol a-steach dha na bùithdean, agus faodaidh tu Gàidhlig fhaicinn air na soidhnichean - ach a bheil daoine a' cleachdadh, no a' faireachdainn cofhurtail a bhith a' cleachdadh na Gàidhlig anns a' bhaile?

"Chaidh rannsachadh a dhèanamh leis an Dr. Ingeborg Birnie aig Oilthigh Shrath Chluaidh, agus fhuair ise a-mach gun robh daoine a' faireachdainn beagan mì-chofhurtail a bhith a' cleachdadh na Gàidhlig le daoine air nach eil iad eòlach, 's bidh iad a' faireachdainn "uill, chan eil fhios agam a bheil a' Ghàidhlig aca, so cha bhodraig mi".

"Anns an Taigh-Chèilidh ge-tà, bidh fios aig daoine gu bheil Gàidhlig ann, agus gum faod iad Gàidhlig a bhruidhinn gun a bhith a' faireachdainn beagan mì-chofhurtail, no mì-chinnteach.

Samhradh

"Fhuair sinn airgead bho chrowdfunding air-loidhne - agus tha sin fhathast fosgailte.

"Agus tha iasadan againn a-nis cuideachd, agus bidh mise a' fosgladh an sporain agam fhìn cuideachd, ach cuiridh mi iasad prìobhaideach a-steach.

"Tha cunnart ann gun caill mi an t-airgead a tha sin, ach co-dhiù, ma tha an t-ionad soirbheachail faodaidh mi an t-airgead fhaighinn air ais.

"'S e an dòchas gum bi sinn fosgailte ron t-Samhradh," thuirt e.