Tunailean no drochaidean ann am plana airson trì eileanan

  • Air fhoillseachadh
TunailTùs an deilbh, Getty Images

Thèid beachdachadh air drochaidean no tunailean a chur an àite aiseagan ann an cuid de dh'eileanan na h-Alba mar dhòigh air piseach a thoirt air bun-structar còmhdhail na dùthcha.

Tha 45 moladh ann airson diofar dhòighean siubhail san dàrna sgrùdadh air pròiseactan còmhdhail an Riaghaltais Albannaich.

'S iad na molaidhean airson "ceanglaichean stèidhichte" a dh'ainmich Rùnaire na Còmhdhail, Mìcheal MacMhathain, Caolas Bharraigh, Caolas na Hearadh, agus drochaid no tunail eadar Muile agus Tìr-Mòr.

A' bruidhinn aig Holyrood, thuirt e gu bheil ceanglaichean còmhdhail nas fheàrr riatanach do choimhearsnachdan eileanach.

"A thaobh còmhdhail dùthchail, a thuilleadh air in-ionmhas susbainteach air bun-structair puirt, tha sinn a' moladh coimhead barrachd ri mar a ghabhadh ceanglaichean stèidhichte - drochaidean no tunailean - a chur air Caolas na Hearadh, Caolas Bharraigh, agus eadar Muile agus Tìr-Mòr, a bheireadh cothrom nas fheàrr do choimhearsnachdan air stuthan agus seirbheisean," thuirt Mgr MacMhathain.

"Dhèanadh sin na h-eileanan seo nas tarraingiche do dhaoine a bhith a' fuireach 's ag obair ann, agus a bhith a' tadhal orra," thuirt e.

A thuilleadh air sin, tha molaidhean ann airson siostaman metro do Ghlaschu, Dhùn Èideann agus Obar Dheathain.

Cha deach ùine no cosgais a chur mu choinneimh nam molaidhean a tha seo ge-tà.