Thuirt ceannard na companaidh a tha a-nis a' ruith Gàrradh Àranais, gur dòcha gum bi cothrom a bharrachd ann le tuathan gaoithe mu chosta na h-Alba, na bh' ann ann an linn tràth gnìomhachas na h-ola.
Bha John Wood a' bruidhinn agus Harland & Wolff a' cumail tachartas dreuchd ann an Alanais, air taobh sear Rois, oidhche Haoine.
Chaidh an tachartas a chur air dòigh ann an oidhirp luchd-obrach a thàladh thuca.
Fhuair 17 sgeama cothrom airson tuath gaoithe a thogail ann an diofar sgìrean far chosta na h-Alba an t-seachdain-sa.
Tha Mgr Wood ag ràdh gum bu chòir cumhaidhean teann chur air luchd-leasachaidh gum bi obair air an son air an dèanamh an Alba.
Cheannaich Harland & Wolff Gàrradh Àranais, ann an Leòdhas, an-uiridh.