Co-chomhairle FTMG an Dùn Èideann air a cur dheth

  • Air fhoillseachadh
Foghlam

Bhòt buill chomataidh foghlaim Comhairle Dhùn Èideann gun a dhol air adhart le co-chomhairle reachdail mu fhoghlam Ghàidhlig sa bhaile.

Bhathas a' moladh a' cho-chomhairle a thòiseachadh an ath-sheachdain, ach tha dùil a-nis gun tèid beachdachadh air a-rithist aig coinneimh aig toiseach a' Mhàirt.

Bhiodh a' cho-chomhairle a' sireadh bheachdan air aonadan ùra Gàidhlig a stèidheachadh aig ìre na bun-sgoile aig Prestonfield is aig Carrick Knowe - agus air àrd-sgoil Ghàidhlig ann an Liberton far am biodh àrd-sgoil Bheurla cuideachd, no àrd-sgoil Ghàidhlig fa leth aig Castlebrae.

A rèir rannsachaidh bho Chomann nam Pàrant, chaidh lorg gun robh 77% de 248 pàrant an aghaidh na co-chomhairle.

Thuirt iad gun do chuir iad fàilte air an dàil sa cho-chomhairle, agus gun robh iad a' sireadh barrachd fhiosrachaidh bho Chomhairle Dhùn Èideann mu mar a nì iad ceanglaichean nas làidire le pàrantan aig a bheil clann ann am foghlam Gàidhlig sa bhaile.