
Chaill daoine air an deach foill a dhèanamh sna h-Eileanan Siar faisg air £900,000 an-uiridh a rèir Poileas Alba.
Dh'fhoillsich iad am fiosrachadh agus iomairt ùr a' tòiseachadh airson innse do dhaoine mu na cunnartan a th' ann.
Fhuair na poilis sna h-Eileanan an Iar còrr air 70 aithris mu sgeamaichean foill ann an 2021 - agus thuirt iad gun do chaill an fheadhainn a chaidh a mhealladh faisg air £900,000 uile gu lèir.
Chuir Poileas Alba, Comhairle nan Eilean Siar agus Biùro Comhairleachaidh a' Phobaill iomairt air dòigh ag iarraidh air daoine a bhith furachail mu chleasan airson an car a thoirt à daoine.
Tha foill air-loidhne air a dhol nas bitheanta.
Cha bu chòir, tha iad ag ràdh, fiosrachadh bancaireachd a thoirt seachad ma dh'fhònas cuideigin ma 's fhìor bhon bhanca agad.
Bu chòir cuideachd a bhith amharasach mu iarrtasan bho charaidean ùra air na meadhanan-sòisealta neo mu phuist-dealain bho chompanaidh mhòr aithnichte a' sireadh fiosrachaidh mun chunntas-banca agad.
'S e teachdaireachd na h-iomairt ùire gun tuig iad gum faod nàir a bhith air an fheadhainn air an deach foill a dhèanamh, ach gu bheil taic ri fhaotainn dhaibh ma chuireas iad fios air na h-ùghdarrasan.