
Tha planaichean airson ionad dhrònaichean a stèidheachadh aig Port-adhair an Òbain air ceum mòr air adhart a ghabhail is Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte air £170,000 a thoirt seachad.
Chaidh deuchainnean a dhèanamh an-uiridh air drònaichean a' giùlain chungaidhean-leigheis eadar an t-Òban agus Muile, agus tha dùil aig a' chompanaidh a rinn sin, Skyports, seirbheis chunbhalach is ionad trèanaidh a stèidheachadh.
A thuilleadh air cungaidhean-leigheis a ghiùlain, bhiodh na drònaichean cuideachd a' toirt sampailean air ais gu Tìr-Mòr.
Tha coltas ann cuideachd gu bheil ùidh aig a' Phost Rìoghail anns a' phròiseact, agus dh'fhaodadh gun dèan companaidhean a bhios a' ruith thuathanasan-gaoithe feum dheth cuideachd.
Bhiodh talla mhòr an cois an ionaid thrèanaidh, san gabhadh drònaichean a sgeith a-staigh.