Naidheachdan 11:00m

Aithisg Sue Gray

Tha teagamh ann mu rannsachadh an t-seirbheisich chatharra, Sue Gray, air na pàrtaidhean aig Sràid Dhowning aig àm a' ghlasaidh ris an robh dùil an t-seachdain seo. Tha sin an dèidh stiùireadh bho Scotland Yard gur e glè bheag a bu chòir a bhith san aithisg sin mu na pàrtaidhean air a bheil iadsan a' coimhead air eagal 's gun toireadh sin buaidh air an rannsachadh acasan. Thuirt na Poilis cuideachd nach iadsan idir as coireach ris an dàil ann an aithisg Sue Gray.

Àrachas Nàiseanta

Tha buill-phàrlamaid Thòraidheach a' cur tuilleadh cuideim air an Riaghaltas cur às dhan àrdachadh ann an cìs an Àrachais Nàiseanta ris a bheil dùil anns a' Ghiblean. Tha ministearan ag ràdh gu bheil àrdachadh a dhìth airson slàinte agus cùraim shòisealta ann an Sasainn. Tha dragh air cuid de na Tòraidhean gun cuir àrdachadh tuilleadh cuideim air cosgaisean bith-beò.

Riaghailtean Covid

Thàinig lùghdachadh bho dhà mheatar gu a h-aon ann am bacaidhean Covid na h-Alba an-diugh, agus chan fheum masgaichean a bhith air inbhich a tha ag obair taobh a-staigh dhorsan còmhla ri cloinn nas òige na còig bliadhna. Anns a' Chuimrigh chaidh cur às do dh'astarachadh shòisealta san àite-obrach, agus dhan riaghailt mu shianar ann an taighean-seinnse agus taighean-bìdh.

Comhairle na Gàidhealtachd

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gur dòcha gum bi àrdachadh anns a' chìs-chomhairle, ged a chuir iad fàilte air £120m a bharrachd do dh'ùghdarrasan ionadail. Dh'innis Rùnaire an Ionmhais, Ceit Fhoirbeis, gu bheil beagan a bharrachd sùbailteachd aice le tuilleadh airgid bho Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte. Tha an t-airgead na phàirt de bhuidseat na h-Alba a fhuair tron chiad bhòt aig Holyrood an-dè.

Bradan

Tha dòchas ann gun dèan tuathanas bradain ùr ann an Earra-Ghàidheal adhartas a thaobh smachd air truailleadh agus mialan-mara. Chaidh cead-dealbhachaidh iarraidh ann an Loch Long do chèidsichean dùinte, seach cèidsichean air an còmhdach le lìon. Tha buidheann dìon na h-àrainneachd, SEPA, air cead a thoirt dhan phròiseact mar-thà.