Uspagan gaoithe 92msu air an clàradh ann an Steòrnabhagh

  • Air fhoillseachadh
An Gearradh CruaidhTùs an deilbh, Colaiste a' Chaisteil
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh craobh a leagail sa Ghearradh Chruaidh ann an Steòrnabhagh

Tha Stoirmean Malik agus Corrie air na mìltean fhàgail as aonais an dealain air feadh na h-Alba.

Chaill còrr agus 80,000 dachaigh an dealan Disathairne nuair a bhuail Stoirm Malik, agus thug Stoirm Corrie buaidh air 38,000 dachaigh eile Didòmhnaich.

Dhearbh a' chompanaidh dealain SSE gun do chaill 4,100 dachaigh sna h-Eileanan an Iar an dealan a-raoir nuair a bhuail Stoirm Corrie.

Chaidh an dealan a thilleadh do mhòran thaighean ach tha 40,000 dachaigh fhathast as aonais madainn Diluain, 2,740 ann an Leòdhas nam measg.

Chaidh rabhadh a thoirt do dhaoine sa cheann a tuath de dh'Alba gum faodadh gum bi Dimàirt ann mus faigh iad an dealan air ais an dèidh an dàrna stoirm taobh a-staigh dà là bualadh air an sgìre.

Chaidh dithis a mharbhadh Disathairne an dèidh do chraobhan tuiteam orra - balach ann an Staffordshire agus boireannach ann an Obair Dheathain.

Tha grunn sgoiltean an Siorrachd Obair Dheathain - agus tè neo dhà air a' Ghàidhealtachd - gu bhith dùinte Diluain neo a' fosgladh nas anmoiche air sgàth thrioblaidean le teas agus cumhachd.

Neart na gaoithe

An dèidh do Stoirm Malik bualadh Disathairne ràinig Stoirm Corrie feasgar na Sàbaid.

Chaidh uspagan gaoithe cho làidir ri 92msu a chlàradh aig Port-Adhair Steòrnabhaigh, agus bha gaoth 120msu air a clàradh air mullach a' Chàirn Ghuirm sa Mhonadh Ruadh.

B' fheudar do luchd-obrach thighinn a-mach oidhche na Sàbaid airson Rathad a' Ghlinne ann an Steòrnabhagh a ghlanadh an dèidh don ghaoth craobhan a leagail.

Chaidh loidhnichean dealain a leagail sa ghèile, a' fàgail nam mìltean dhaoine gun chumhachd.

Tha a' chompanaidh dealain SSEN a' toirt rabhadh gum faodadh gum bi cuid an sgìrean dùthchail an ceann a tuath na h-Alba as aonais an dealain airson grunn làithean.

Tha iad air bhanaichean bìdh a chur dha na sgìrean as motha air an tug an t-sìde gharbh buaidh.

Craobh a' laighe tarsainn rathaid
Fo-thiotal an deilbh,

B' fheudar do luchd-obrach rathad a ghlanadh agus craobh a leag a' ghaoth a' laighe tarsainn air

Rabhadh deighe

Tha Oifis na Sìde air rabhaidhean a sgaoileadh airson deigh airson Roinn a' Mhonaidh, a' Ghàidhealtachd, na h-Eileanan Siar, Sràth Chluaidh agus Fìobha.

Thuirt Stagecoach, Caledonian Mac a' Bhriuthainn agus ScotRail rabhadh do luchd-siubhail dèanamh cinnteach gun robh seirbheisean a' ruith mas tòisich an turas.

Tha ScotRail ag ràdh gu bheil an t-sìde a' toirt buaidh air grunn de na seirbheisean aca; bidh busaichean a' dol an àite thrèanaichean air mòran shlighean Diluain.

Chaidh seirbheisean LNER cuideachd a lùghdachadh air Prìomh Loidhne a' Chost an Iar.