Naidheachdan 11:00m

Tha dùil gum bi mìltean de dhachannan ann an Alba là eile as aonais an dealain an dèidh dà stoirm air an deireadh-sheachdain. Chaill 80,000 dachaigh an dealan le Stoirm Malik Disathairne mas tug Stoirm Corrie buaidh air 38,000 eile an-dè. 'S ann mun ear-thuath a tha a' mhòr chuid dhiubh sin. Tha ionadan air fosgladh ann an Siorrachd Obair Dheathain ann an tallachan coimhearsnachd agus an leithid a dhèanamh cobhair air feadhainn a tha gun dealan agus tha canteens sgoile cuideachd a' cumail biadh teth riutha.

Coinnichidh Comhairle Thèarainteachd nan Dùthchannan Aonaichte an-diugh a dheasbad mar a tha feachdan Ruiseanach a' cruinneachadh air crìoch na h-Ucràin. Tha dùil ri còmhraidhean ann am Budapest an-diugh cuideachd eadar Rùnaire Dìon na Rìoghachd Aonaichte, Ben Wallace, agus Rùnaire Dìon na h-Ungaire, dùthaich a tha na ball de NATO ach aig am bheil ceanglaichean ris an Ruis. Agus tha e coltach gum bruidhinn Boris Johnson air am fòn ris a' Cheann-suidhe Putin mas siubhail esan cuideachd gu còmhraidhean anns an Ucràin. Thuirt Moscow an-diugh nach dèanadh smachd-bhannan, a tha an Rìoghachd Aonaichte a' maoidheadh air companaidhean agus luchd-gnothaich aig am bheil ceanglaichean ris a' Cheann-suidhe Putin, dad ach cron air eaconomaidh Bhreatainn.

Tha am Prìomhaire, Boris Johnson, a' moladh reachdais a chuireadh às dha na tha air fhàghail de laghan an Aonaidh Eòrpaich anns an Rìoghachd Aonaichte. Tha e coltach gur ann Disathairne a chaidh sin innse do riaghaltasan na h-Alba, na Cuimrigh agus Èirinn a Tuath. Tha dragh air ministearan ann an Dùn Èideann gun tèid cur às do dh'fheadhainn de na cumhachdan a thàinig le fèin-riaghladh. Thuirt Riaghatas na Rìoghachd Aonaichte gum bi iad ag obair gu dlùth air Dùn Èideann, Cardiff agus Beal Feairste air atharrachaidhean sam bith.

Thàinig atharrachadh eile an-diugh ann an riaghailtean Covid na h-Alba le gluasad sa chomhairle mu bhith ag obair bhon dachaigh. Tha cead aig daoine tilleadh dhan àite-obrach a-niste co-dhiù pàirt dhen ùine.