Naidheachdan 11:00m

Boris Johnson

Tha ceannard nan Làbarach, Sir Keir Starmer, a' fàgail air a' Phrìomhaire, Boris Johnson, gu bheil e cho trang a' feuchainn ri a dhreuchd a ghlèidheadh 's nach eil guth aige air na rudan as cudromaiche dhan mhòr-shluagh mar chosgaisean bith-beò. Tha sin an dèidh aithisg Sue Gray air na pàrtaidhean aig àm a' Ghlasaidh, a thuirt gur e cion ceannais aig Sràid Dhowning as coireach gun deach riaghailtean a bhriseadh. Thuirt an Leas-Phrìomh Mhinistear, Dominic Raab, an-diugh gu bheil a' mhòr-chuid de na buill-phàrlamaid Thòraidheach a' cur an làn-taic ri Mgr Johnson.

An Ugràin

Tha Boris Johnson a' dol dhan Ugràin an-diugh airson chòmhraidhean le ceann-suidhe na dùthcha sin. Tha dùil gum bi Mgr Johnson a' tabhann taic-airgid air an Ugràin, agus dragh ann gu bheil an Ruis ag ullachadh airson ionnsaigh.

Covid

Bheir Nicola Sturgeon am fiosrachadh as ùire air Covid do Phàrlamaid na h-Alba feasgar. Tha dùil gun iarr na pàrtaidhean dùbhlanach oirre rudeigin a dhèanamh mu na sgoiltean, far a bheil cùisean a' sìor èirigh am measg an fheadhainn nas òige na 16 bliadhna. Tha iarrtas ann cur às dha na riaghailtean mu mhasgaichean le siostaman airson adhair nas glaine sna seòmraichean. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad a' toirt £5m eile dha na h-ùghdarrasan ionadail mu choinneimh leasachaidh.

Dealan

Tha e coltach gum bi a-màireach ann mus fhaigh feadhainn an dealan air ais an dèidh droch shìde air an deireadh-sheachdain. Tha neart na gaoithe a' cur maill an-diugh a-rithist air càradh nan loidhnichean dealain. Thuirt a' chompanaidh chumhachd SSEN gu bheil iad an dòchas a' mhòr-chuid a cheangal ris a' chumhachd an-diugh, ach gur dòcha gum feum corra sgìre feitheamh gu a-màireach.

Rabhadairean Teine

'S e Alba a' chiad sgìre den Rìoghachd Aonaichte far a bheil dleastanas laghail innealan rabhaidh teine ceangailte a bhith san dachaigh. Stèidhich Riaghaltas na h-Alba an reachdas sin ann an 2019 an dèidh teine Tùr Grenfell ann an Lunnainn, ach 's ann an-diugh fhèin a thàinig an lagh gu buil. Tha an Riaghaltas ag aideachadh ge-tà, nach tèid duine a pheanasachadh fo na riaghailtean ùra.

Dùn Èideann

Tha pàrantan ann an Dùn Èideann den bheachd gun seachain feadhainn dhiubh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ma thèid a' Chomhairle air adhart le planaichean nach còrd riutha. Tha na h-uimhir de mhì-chinnt ann, agus dragh, mun t-slighe a ghabhas Comhairle Baile Dhùn Èideann, agus tha e coltach gu bheil iad a' coimhead air àrd-sgoil Ghàidhlig stèidhichte air an aon làraich ri sgoil Bheurla. Thèid a' chùis mu choinneimh na Comhairle a-rithist air an ath-mhìos.