
Sgrìobh Companaidh Phort-adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean gu Comataidh nan Cùisean Albannach aig Westminster is iad a' sireadh taic bho gach pàrtaidh le iomairt gus ceangal dìreach eadar Inbhir Nis agus Heathrow a chumail.
Tha a' chomataidh an-dràsta a' coimhead, taobh a-muigh ri suidheachadh nam port-adhair ann an Alba is mar a tha staing Chovid-19 air buaidh a thoirt orra.
Chuir British Airways dheth na seirbheisean aca eadar Inbhir Nis agus Heathrow airson dà mhìos aig toiseach na bliadhna is iad ag ràdh gu bheil nas lugha de dhaoine a' siubhal.
Tha HIAL airson dèanamh cinnteach gun tèid an t-seirbheis a stèidheachadh às ùr cho luath 's a ghabhas.
Riatanach
Na litir gu ruige na comataidh, tha àrd-stiùiriche HIAL Inglis Lyon ag ràdh gu bheil e riatanach do ghnothachas agus turasachd sa cheann a tuath gun tèid an ceangal a ghlèidheadh.
Thuirt Mgr Lyon gu bheil an t-slighe adhair eadar Inbhir Nis is Heathrow cho cudromach 's a ghabhas airson na Gàidhealtachd.
Tha e a' cumail a-mach gum bu chòir dà sheirbheis a bhith ann gach là aig a' char as lugha gus am bi e comasach do dhaoine a dhol ann is tilleadh air an dearbh là.
Thuirt Mgr Lyon gun do sheall rannsachadh bho chionn ceithir bliadhna gu bheil an ceangal le Heathrow a' toirt nan ceudan de dh'obraichean agus na milleanan notaichean dhan Ghàidhealtachd.
Dh'innis British Airways gu bheil iad an dùil an t-seirbheis gu Heathrow a thòiseachadh às ùr air an 28mh den Ghearran, ach gum bi sin a rèir is mar a tha cùisean le Covid-19.