Molaidhean airson prìsean cumhachd

  • Air fhoillseachadh
CosgaiseanTùs an deilbh, Getty Images

Sgrìobh Ceannard Chomhairle nan Eilean Siar gu riaghladair a' chumhachd le molaidhean air ciamar a ghabhas daoine anns an sgìre a bhith air an dìon bhon àrdachadh mòr a thig a-steach le prìsean cumhachd.

Tha dà mholadh aig Ruairidh MacAoidh do dh'OFGEM, a dh'innis Diardaoin gum bi an cuibhreachadh air cosgais gas agus dealain a' dol suas £693 anns a' Ghiblean.

Tha Ruairidh MacAoidh ag ràdh gum fàg an t-àrdachadh seo roghainn uabhasach aig cuid a dhaoine, gu h-àraid daoine aosta - sin an ceannaich iad biadh no an teasaich iad an dachannan.

Dà mholadh

Tha e air sgrìobhadh gu OFGEM le dà mholadh dhan riaghladair chumhachd, an riaghaltas agus companaidhean cumhachd airson daoine mar sin anns na h-Eileanan Siar a dhìon.

Tha e ag ràdh nach eil an aon chrìoch air prìsean freagarrach airson Breatainn gu lèir agus gum faodadh na h-àiteachan as miosa a tha a' fulang le bochdainn connaidh lasachadh fhaighinn.

Dh'aidich e gum faodadh companaidhean a bhith an aghaidh sin, ach thuirt e gun gabhadh lasachadh a chur an sàs gu sìmplidh le bhith a' cleachdadh còdaichean-puist.

Mhol e cuideachd cur às dha na cìsean sgaoilidh a bharrachd a th' ann airson ceann a tuath na h-Alba, is e ag ràdh gu bheil iad sin mì-chothromach.

Coinneamh

Dh'iarr Mgr MacAoidh coinneamh airson bruidhinn mu na molaidhean aige.

Mar fhreagairt air an àrdachadh a chaidh ainmeachadh le OFGEM, tha Roinn Ionmhais na Rìoghachd Aonaichte air barrachd airgid a chomharrachadh gus daoine a chuideachadh, le £290m a' dol gu Pàrlamaid na h-Alba tro Fhormula Bharnett.