CnES fosgailte ri lìonra ChalMac a bhriseadh an-àirde

  • Air fhoillseachadh
Fo-thiotal,

Cùmhnant nan seirbheisean aiseig.

Thuirt Comhairle nan Eilean Siar gur dòcha nach e droch rud a bhiodh ann nan rachadh lìonra ChalMac a bhriseadh sìos ann an cùmhnantan fa leth.

Tha an t-ùghdarras ionadail ag ràdh gum faodadh cothrom a bhith an cois sin seirbheisean aiseig nan Eilean Siar a bhith fa leth agus air an stiùireadh gu h-ionadail.

Tha am moladh am measg roghainnean air a bheil a' bhuidheann Ernst and Young a' coimhead an-dràsta mar phàirt de dh'ath-sgrùdadh air seirbheisean aiseig.

A' freagairt ceist ann am Pàrlamaid na h-Alba Diardaoin, thuirt am Prìomh Mhinistear nach eil planaichean sam bith aig an Riaghaltas seirbheisean aiseig a tha san roinn phoblaich a chur dhan roinn phrìbhidich, is nach eil planaichean aca nas motha lìonra ChalMac a bhriseadh an-àirde.

Thuirt Nicola Sturgeon nach fhaca an Riaghaltas aithisg Ernst and Young fhathast.

Ach ged a bha iomairt làidir ann roimhe seirbheisean ChalMac a chumail ri chèile agus fo smachd na stàite, tha Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh a-nise gum bu chòir coimhead ri gach roghainn a th' ann, is measadh a dhèanamh air na buannachdan a dh'fhaodadh a bhith an cois cùmhnantan fa leth a thoirt seachad.

Thuirt iad gu bheil seirbheisean nan Eilean Siar air a dhol bhuaithe, agus gur dòcha gun gabhadh piseach a thoirt orra nam biodh cùmhnant ann airson nan Eilean Siar, is air a ruith gu h-ionadail.

Fada ceàrr

"Tha sinn a' faireachdainn gu h-àraid o chionn ùine gu bheil gnothaichean air a dhol fada ceàrr a thaobh mar a tha Caledonian Mac a' Bhriuthainn a' dèiligeadh rinn anns na h-Eileanan", thuirt Cathraiche na Còmhdhail aig a' Chomhairle, Ùisdean Robasdan.

"Tha sinn airson is gum bi deasbad dòigheil timcheall air seo.

"An turas mu dheireadh bha 'Keep CalMac and Carry On' againn ach tha gnothaichean air a dhol air ais gu mòr a thaobh nan seirbheisean againn agus mar a tha iad air an riochdachadh.

"Tha sinn airson is gun suidh sinn sìos an turas seo is gun coimhead sinn air seo san fharsaingeachd agus gun coimhead sinn gu h-àraid air dè na feumalachdan a th' aig eileanan fhèin", thuirt e.

Tha Comhairle nan Eilean Siar tric is minig air dragh a thogail nach eil riochdairean às na h-Eileanan aig àrd-ìre ann an CalMac, is gu dearbh nach eil obraichean gu leòr san fharsaingeachd aig a' chompanaidh san sgìre.

Tha dragh air a bhith ann nach eil tuigse cheart ann aig àrd-ìre mu shuidheachadh nan Eilean is casaidean air nochdadh cuideachd nach eilear ag èisteachd ri coimhearsnachdan.

Thuirt an Comh. Robasdan gur dòcha gun gabhadh dèiligeadh ris na draghan seo le mòdail ùr.

Guth

"Chan eil sinn ag ràdh a thoirt dhan roinn phrìbhidich idir, tha sinn ag ràdh gum feum sinn coimhead air mar a tha a h-uile bundle air a chur ri chèile.

"An rud a tha sinn gu h-àraidh a' coimhead air a shon, 's e gum biodh barrachd smachd againn anns na h-Eileanan an Iar air na seirbheisean a tha a' tighinn chun nan Eilean Siar, agus gum biodh a' mhòr-chuid de na h-obraichean a tha ceangailte ri Caledonian Mac a' Bhriuthainn a tha ceangailte ris na h-Eileanan an Iar suidhichte anns na h-Eileanan an Iar", thuirt e.

Dh'innis a' Chomhairle gum faodadh ainm ChalMac fhathast a bhith air gach aiseag is na seirbheisean gu lèir air Cluaidh is air a' Chosta an Iar air an ruith tro aon làrach-lìn do luchd-cleachdaidh, fìu 's ged a bhiodh diofar bhuidhnean os cionn slighean ann an diofar sgìrean.

Thuirt iad nam biodh cùmhnant ann airson nan Eilean Siar gum biodh e nas motha na an cùmhant aiseig a th' ann an-dràsta airson Arcaibh is Sealltainn, is iad ag ràdh gu bheil seo ag obair gu math is barrachd smachd gu h-ionadail air seirbheisean.

Dh'innis iad le cùmhant 'son nan Eilean Siar gum faodadh sia aiseagan mòra a bhith ann leis a dhà air slighe Steòrnabhaigh, is aiseasgan fa leth airson an Tairbeirt, Loch nam Madadh, Loch Baghasdail is Bàgh a' Chaisteil, agus dà aiseag nas lugha 'son Caolas na Hearadh is Caolas Bharraigh.

Thuirt iad gum biodh cothrom ann na h-aiseagan a ruith air connadh hàidhdreaidean air a chruthachadh anns na h-Eileanan an Iar fhèin.

"Tha fios againn uileag air na h-argamaidean a th' air a bhith ann eadar deic mezzanine an Hebrides, an Lord of the Isles ga tarraing fad an t-siubhail far na seirbheis ann an Loch Baghsdail", thuirt Ùisdean Robasdan.

"Tha mi a' smaoineachadh nam biodh barrachd smachd againn agus barrachd de ghuth làidir againn anns na h-Eileanan, cha bhiodh na rudan sin a' tachairt idir", thuirt e.