
Chuir am Ball-pàrlamaid Albannach Ceit Fhoirbeis a taic ri iomairt sganair CT fhaighinn airson ospadal ùr an Àth Leathainn a tha gus fosgladh.
Bha cothrom aig daoine sùil a thoirt air an ospadal ùr Dihaoine is Disathairne mus fhosgail e gu h-oifigeil air an ath mhìos.
Bidh an t-ospadal ùr a' frithealadh air an Eilean Sgitheanach, Loch Aillse agus Taobh Siar Rois.
Am measg nan seirbheisean a bhios ann bidh 24 rùmanan do dh'euslaintich, ionad A&E, ionad màthaireil, goireasan X-Ray is ultrasound, is ionad fiaclaireachd.
Thàinig dearbhadh air an t-seachdain sa chaidh gum biodh leigheas dialysis anns an ospadal tron t-seachdain.
Feum
A' bruidhinn mun ospadal thuirt am BP Fhoirbeis gun robh an t-eilean air a bhith feumach air a leithid airson bhliadhnaichean.
"Tha mise airson gum bi tòrr sheirbheisean anns an Eilean Sgitheanach fhèin agus nach eil daoine a' siubhal a dh'Inbhir Nis airson sheirbheisean. Tha feadhainn gu bhith ann an Inbhir Nis agus tha sin cudromach.
"Chuir mi fhèin taic ri goireasan mar an sganair CT a thoirt dhan ospadal. Tha fios gu bheil feum air rudan eile, chan e dìreach an goireas fhèin a tha cudromach. 'S e an luchd-obrach agus na sgilean agus dèanamh cinnteach gu bheil gu leòr feum ann airson goireasan mar sganair CT.
"Ach ma tha feum ann agus mas urrainn dhuinn luchd-obrach fhaighinn chan eil mise a' tuigsinn carson nach biodh rudan mar sganair CT anns an àite," thuirt Ms Fhoirbeis.
Connspaid
Bha connspaid gu leòr ann timcheall air seirbheisean slàinte san Eilean Sgitheanach anns na bliadhnaichean mu dheireadh is dragh mòr gu sònraichte gun robh seirbheisean gu bhith air an call ann an ceann a tuath an eilein.
Air a' cheann thall mhol aithisg bho Sir Lewis Ritchie gum bu chòir Ospadal Phort Rìgh is seirbheisean èiginneach is eile anns an ospadal a bhith air an glèidheadh.
Ghabh NHS na Gàidhealtachd ris an aithisg.
Chuir feadhainn a bha an sàs san t-strì sin fàilte air an ospadal ùr san Àth Leathann.
"Tha mi eadar dà bheachd gu ìre ach tha mi toilichte gu bheil ospadal ùr a' fosgladh", thuirt Niall Caimbeul, cathraiche na buidhe SOS NHS san sgìre.
Leapannan
"Bheir e leasachadh air na seirbheisean slàinte a th' againn san Eilean Sgitheanach.
"B' fheàrr leam gun robh e beagan na bu mhotha is gun robh barrachd leapannan ann", thuirt e.
Fosglaidh an t-ospadal ùr tràth sa Mhàrt.
Tha dùil cuideachd ri barrachd fiosrachaidh anns na seachdainnean ri thighinn mu na tha an dàn do dh'Ospadal Phort Rìgh mar phàirt de sgrùdadh air seirbheisean ann an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich agus Ratharsair.