Naidheachdan 11:00m
Boris Johnson
Thuirt Sràid Dhowning nach tabhainn am Prìomhaire leisgeul airson nan casaidean fuadain aige gun do dh'fhaillich air Sir Keir Starmer Jimmy Savile a thoirt gu lagh. Tha seo a' leantainn air mar a bha luchd-togail fianais a' maoidheadh air ceannard nan Làbarach ann an Westminster an-raoir, agus iad ga ainmeachadh mar thraoidhtear agus fear a bha a' dìon dhrabastairean chloinne. Thuirt am ball-pàrlamaid Kim Leadbeater, piuthair Jo Cox a chaidh a mhurt fhad 's a bha i fhèin na ball-pàrlamaid, gu bheil buaidh aig faclan, agus gum bu chòir do cheannardan na dùthcha a bhith mothachail dhan sin.
BP
Dh'fhoillsich a' chompanaidh ola BP prothaidean de cha mhòr £10bn airson na bliadhna a dh'fhalbh - a' phrothaid as motha a rinn iad ann an ochd bliadhna. A rèir eòlaichean a' ghnìomhachais, às dèidh droch bhliadhnaichean tron phandemic, tha an t-àrdachadh ann am prìsean gas agus ola air a bhith na chuideachadh mòr dhan chompanaidh. Tha cuid de na Làbaraich agus na Lib-Deamaich air moladh gum bu chòir cìs shònraichte a chur air leithid BP agus air na prothaidean mòra aca airson daoine a chuideachadh le bhith a' dèiligeadh ris an àrdachadh ann an cosgaisean connaidh.
Covid
Tha dùil gun toir am Prìomh Mhinistear iomradh air na riaghailtean mu mhasgaichean ann an sgoiltean an-diugh, 's i gu bhith a' toirt cunntais do Phàrlamaid na h-Alba air suidheachadh na dùthcha a thaobh Covid. Air an t-seachdain seo chaidh thuirt Nicola Sturgeon gum biodh fo-bhuidheann comhairleachaidh an Riaghaltais air foghlam a' coinneachadh an-diugh airson beachdachadh air a' chuspair. Tha na Tòraidhean ag iarraidh gun tèid faighinn cuidhteas còmhdaichean aodainn ann an àrd-sgoiltean na h-Alba.
Agus dh'iarr am Pàrtaidh Tòraidheach ann an Alba gun tèid cur às dhan t-siostam lorgaidh airson Covid-19. Tha iad ag ràdh gun robh Dearbh is Dìon air leth cuideachail nuair a thòisich an galar a' sgapadh an toiseach, ach gu bheil treis ann a-niste bhon chaidh mòran feum a chur air.
Tubaist
Tha poilis a' sireadh fianaisichean às dèidh tubaist-rathaid eadar càr agus bus-sgoile ann an Dail Chè. Chaidh dràibhear a' chàr, a bha 74, a thoirt dhan ospadal às dèidh na tubaiste a thachair mu 4:00f an-dè. Cha deach dràibhear a' bhus no gin de na sgoilearan a bh' air bòrd aig an àm a ghoirteachadh.
Kurt Zouma
Tha an cluicheadair ball-coise aig West Ham, Kurt Zouma, air leisgeul a thabhainn às dèidh do bhidio nochdadh dheth agus e a' bualadh, a' breabadh agus a' tilgeil paidhir bhrògan air a' chat aige. Tha West Ham air dol-a-mach a' chluicheadair dìon a chàineadh.
Bamber Gasgoigne
Agus chaidh fhoillseachadh gun do chaochail am preasantair telebhisein Bamber Gasgoigne. Bha e 87, agus bha e air a bhith tinn bho chionn ghoirid. Bha Gasgoigne ainmeil airson a bhith na fhear-cathrach air a' phrògram cheist University Challenge fad 25 bliadhna bho 1962 gu 1987.