
Tha planaichean air nochdadh 'son slighe ùr baidhseagal-beinne a chruthachadh air a' Chàrn Ghorm.
Bhiodh an t-slighe ùr 2.9km de dh'fhaid is bhiodh goireasan ann 'son feadhainn a tha dìreach a' tòiseachadh air rothaireachd-beinne agus feadhainn le barrachd eòlais.
Nochd moladh gus rothaireachd-beinne a leasachadh aig an làraich an toiseach ann an ro-innleachd a dh'fhoillsich Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean ann an 2020.
'S iad HIE a tha os cionn na companaidh Beinn a' Chàirn Ghuirm Earranta, a tha a' ruith nan goireasan aig a' bheinn.
Taic
Thuirt HIE gun do sheall co-chomhairle phoblach às dèidh sin gun robh taic mhòr ann 'son rothaireachd-beinne a leasachadh, is beachd ann gur e dòigh a th' ann air teaghlaichean a thàladh fad na bliadhna.
Tha Beinn a' Chàirn Ghuirm Eta. a-nise air cead-dealbhachaidh iarraidh, taobh a-muigh 'son an leasachaidh, a bhiodh anns a' Choire Chas, is a bhiodh ag amas air daoine aig diofar ìrean
Thuirt Dàibhidh MacLeòid bho HIE gu bheil an Càrn Gorm air leth freagarrach 'son slighe baidhseagal-beinne is gu bheil taic mhòr ann airson nam planaichean.
Dh'innis e gur e seo a' chiad cheum ann am plana gus goireasan a leasachadh.