Naidheachdan 11:00m

An Ruis

Thòisich feachdan armaichte na Ruis agus Belarus ag eacarsaich còmhla faisg air crìoch a tuath na h-Ugràin. Tha Mosgo mar thà air na deichean mhìltean shaighdearan a ghluasad chun na crìche an ear. Tha am Prìomhaire Boris Johnson sa Bhruiseil an-dràsta airson coinneimh le Àrd-Rùnaire NATO, Jens Stoltenberg. A' bruidhinn aig coinneimh naidheachd o chionn ghoirid, thuirt Mgr Johnson gur màithte gu bheil sinn a-niste air an ìre as cunnartaiche a ruighinn, agus gur e seo an staing tèarainteachd as miosa san Roinn Eòrpa airson bliadhnaichean mòra.

Tha Rùnaire Cèin na Rìoghachd Aonaichte, Liz Truss, anns an Ruis airson còmhraidhean ri ministear cèin na dùthcha, Sergei Larov. A' bhruidhinn ron choinneimh, thuirt a' Bh-Mh. Truss gum biodh cogadh mì-bhuadhach dhan dà chuid an Ugràin agus an Ruis. Thuirt Mgr Lavrov nach b' e seo an t-àm airson a bhith a' cur a-mach rabhadh bhuilean.

Covid

Tha ministearan Albannach a' sireadh fhreagart air dè bhios e a' ciallachadh do dh'Alba nuair a thèid cur às do chuingealachaidhean Covid ann an Sasainn. Tha Riaghaltas na h-Alba an dùil na cumhachdan laghail a ghabh iad aig toiseach a' phandemic a leudachadh chun an Fhoghair, ach tha Boris Johnson air innse do bhuill-phàrlamaid gun tig na riaghailtean mu dheireadh ann an Sasainn gu ceann ann am beagan sheachdainnean.

Ailig Cole Hamilton

Agus chaidh ceannard Lib-Deamach na h-Alba, Ailig Cole-Hamilton, a dhearbhadh le Coròna-bhìoras. A' foillseachadh dealbh den deuchainn lateral flow aige, thuirt Mgr Cole-Hamilton gun robh e taingeil gun robh e air na banachdaichean aige a ghabhail, agus gu bheil e a-niste a' fèin-aonranachadh. Tha sin a' ciallachadh nach bi e ann an seòmar na Pàrlamaid feasgar airson Ceistean a' Phrìomh Mhinisteir.

An Fhraing

Thàinig rabhadh bho phoilis na Frainge gun cuir iad stad air duine sam bith a dh'fheuchas ri fianais a thogail ann am Paris air an deireadh-sheachdain. Tha luchd-iomairt an aghaidh na banachdaich an dùil an eisimpleir aig dràibhearan làraidh ann an Canada a leantainn agus carbadan a chleachdadh airson am prìomh bhaile a thoirt gu stad. Tha na Poilis ag ràdh, bhon a-màireach, gu bheil càin susbainteach, casg-dràibhidh agus suas ri dà bhliadhna sa phrìosan a' feitheamh air duine sam bith a dh'fheuchas ri rathaidean Pharis a dhùnadh.

Uibhist is Barraigh

Tha dragh ag èirigh ann an Uibhist is Barraigh mu ghainnead bìdhe anns na bùithtean leis cho gann 's a tha seirbheisean aiseig air a bhith o chionn ghoirid. Tha droch shìde, cion bhàtaichean agus an Coròna-bhìoras a' cur ris an t-suidheachadh. Thuirt Caledonian Mac a' Bhriuthainn gun seòil àiseag às an Òban gu Bàgh a' Chaisteil agus Loch Baghasdail feasgar, agus gu bheil iad ag ullachadh phlanaichean airson a-màireach.

Geamaichean Oilimpigeach a' Gheamhraidh

Agus tha Comataidh Eadar-nàiseanta na h-Olympics air diùltadh innse carson a chaidh dàil a chur air a bhith a' toirt seachad nam bonn airson dannsa spèile aig na geamaichean geamhraidh ann am Beijing. Tha fathannan a' dol mun cuairt gum b' fheudar dàil a chur air cuirm nam bonn oir gu bheil ball den sgioba Ruiseanach a bhuannaich an fharpais air deuchainn dhrogaichean fhàiligeadh.