
Chaidh an drochaid choncrait a chrìochnachadh ann an 1901
Tha Network Rail Alba air cead iarraidh suirbhidh a dhèanamh air drochaid-rèile ainmeil Ghlinn Fhionghain.
Tha an drochaid, a chiadh a chrìochnachadh ann an 1901, air liosta nan togalaichean clàraichte, is e ainmeil air feadh an t-saoghail 'son a bhith a' nochdadh ann am fiolmaichean Harry Potter.
Bidh obair-tollaidh a dhìth mar phàirt den t-suirbhidh airson sampallan a thrusadh a bheir tuigse do luchd-einnsinnìridh air mar a chaidh an structar concrait a thogail.
Thathas ag amas air stiùireadh fhaighinn mu choinneimh obair-càraidh san àm ri teachd.
Chaidh cead iarraidh air Comhairle na Gàidhealtachd airson an obair a dhèanamh.
Eòlaichean
Anns an tagradh aca, thuirt Network Rail Alba gu bheil eòlaichean concrait aig Oilthigh Dhùn Dè air deuchainnean a dhèanamh air diofar mheasgachaidhean concrait feuch fear a lorg sa bheil an aon dath 's a th' air an drochaid, airson a chleachdadh san obair-càraidh.
Bidh an drochaid a' tàladh nam mìltean de luchd-turais gu Loch Abar gach bliadhna.
"Bidh sinn ag amas air sampallan fhaighinn den choncrait, agus dearbhadh gur ionnan mar a chaidh an drochaid a thogail agus na planaichean a th' ann bhon àm," thuirt Network Rail Alba.
"Gabhaidh a' mhòr-chuid den obair seo dèanamh le luchd-obrach a' teàrnadh air ròpannan, 's chan eil dùil gun toir e buaidh mhòr sam bith air seirbheisean rèile. Rinn sinn obair coltach ris o chionn bliadhna."
Cha deach planaichean deireannach airson na h-obrach-càraidh a dhearbhadh fhathast.