Prìsean cumhachd fon phrosbaig

  • Air fhoillseachadh
Stèisean cumhachd

Tha daoine air feadh na dùthcha a' feitheamh faighinn a-mach dè na bhios aca ri pàigheadh airson cumhachd is dùil ri àrdachadh de chòrr air 50% ann an cunntasan gas is dealain.

An ceann a tuath na h-Alba tha daoine air a bhith a' pàigheadh faisg air dà sgillinn a bharrachd airson gach aonad dealain na daoine sa chòrr dhen dùthaich airson bliadhnaichean a-nis.

A rèir eòlaiche a' chumhachd Murchadh Moireach tha a' chosgais an urra ri dè tha e a' cosg an dealan a thoirt dha na h-eileanan agus chan eilear a' faighinn buannachd bho na tha de chùmhachd anns na h-eileanan agus timcheall air na h-eileanan.

"Bha iad uaireigin ag ràdh gur e an t-adhbhar nach robh sinn a'dol a dh'fhaighinn càball gun robh e a'dol a chur cus cosgais air daoine air feadh na Rìoghachd Aonaichte," thuirt Mgr Moireach.

"Nise tha sinn a' faicinn cosgais airson daoine air feadh na Rìoghachd Aonaichte a' dol suas gu mòr mòr.

Comasach

"Tha mise dhen bheachd nach biodh e a' dol suas cho mòr nam biodh an càball ann, oir bhiodh dealan air a chruthachadh ann an seo agus bhiodh e comasach an-diugh a bhith ga chleachdadh an àite a bhith an urra ri stèiseanan air an ruith le gas.

"Air sgath 's nach eil càball a-null gu tìr mòr chan eil e comasach an dealan a chur a-null agus air ais. A bharrachd air an sin nuair a tha càball a' briseadh tha e a ciallachadh gum feum na rothairean a dhol dheth anns na h-eileanan. 'S e bochdainn mhòr a tha sin.

"Tha sinn a-nis a' faicinn nan duilgheadasan a tha romhainn mar rioghachd a thaobh connaidh gu bheil feum air a h-uile oidhirp a dhèanamh airson feuchainn ri dèanamh cinnteach gu bheil a h-uile biod cumhachd a tha comasach a bhith air a chleachdadh air a chleachdadh san dòigh cheart.

"Mar eisimpleir tha sinn an-dràsta an dèidh sioftadh air falbh bho ghual, sin anns na stèiseanan cumhachd, agus sinn air a dhol gu gas.

"Ma tha e comasach a bhith a' cruthachadh dealain ann an dòighean eile bu chòir dhuinn a bhith a' dèanamh sin.

Cunnart

"Tha cunnart eile ann cuideachd a thaobh stòradh. 'S e pàirt dhen duilgheadas leis a' ghas san Roinn Eòrpa agus air feadh an t-saoghail 's e gun robh duilgheadasan ann sa gheamhradh a dh'fhalbh far an robh e duillich a bhith a' stòradh gas agus tha sinn ìosal air feadh na Roinn Eòrpa aig an ìre seo.

"Feumaidh sinn dòighean fhaighinn ann a bhith a' stòradh chan e a-mhàin gas ach a' stòradh dealain cuideachd. Aon dhe na dòighean as cothromaiche sin a dhèanamh san tro hàidhdreaidean.

"Tha mi a' smaointinn gu bheil cothroman mòra anns na h-eileanan far am faigheadh sinn sreath cumhachd ath-nuadhachail a bhith a' cruthachadh hàidreaidean agus a' stòradh sin agus an uairsin ga chleachdadh nuair a tha feum air," thuirt Murchadh Moireach.