Tuilleadh luchd-obrach do Choimisean na Croitearachd

  • Air fhoillseachadh
Sgìre croitearachd

Chithear àrdachadh de 40% air an sgioba a bhios a' dèiligeadh ri riaghailtean Coimisean na Croitearachd bho seo a-mach.

Chuir fear-gairm a' Choimisein, Calum MacMhathain fàilte air an luchd-obrach ùr.

"Nuair a tha an sgioba ùr air an cuid trèanaidh fhaighinn, nì seo diofar mòr dha ar cuid obrach," thuirt Mgr MacMhathain.

"Tha fhios againn gu bheil croitearan air a bhith a' feitheamh nas fhaide dhuinn dèiligeadh le iarrtasan, rud a tha fhios agam a tha sàrachail do mhòran.

"Bidh mòran den luchd-obrach ùr seo ag obrachadh ann an coimhearsnachdan dùthchail air feadh sgìrean croitearachd.

"Thèid iad tro thrèanadh gu sònraichte thairis air na mìosan a tha romhainn airson ar cuideachadh ann a bhith nas èifeachdaiche ann a bhith a' dèiligeadh ri iarrtasan.

Molaidhean

Chuir àrd-oifigear na buidhne, Bill Barron, fàilte air an luchd-obrach ùr, ag ràdh gun robh an ceum seo a' dol pìos gus dèiligeadh ri molaidhean a thàinig à rannsachadh neo-eisimeileach bho chionn ghoirid air luchd-obrach na buidhne .

Thog an rannsachadh air dìth luchd-obrach mar dhragh san dòigh a bhathas a dèiligeadh ri obair riaghlaidh.