Naidheachdan 11:00m

An Ugràin

Tha Boris Johnson os cionn chòmhraidhean an-dràsta le ministearan agus àrd-oifigich an Riaghaltais 's iad a' deasbad suidheachadh na h-Ugràin. Bidh coinneamh na comataidh èiginn, COBRA, a' bruidhinn air aithrisean gun do tharraing an Ruis air ais feadhainn de na saighdearan a bha ri eacarsaich air crìochan na h-Ugràin. Tha Seansalair na Germailt, Olaf Scholz, a' coinneachadh ris a' Cheann-Suidhe Putin ann am Mosgo an-diugh a dh'fheuchainn ri ionnsaigh a sheachnadh.

Cion-cosnaidh

Tha na figearan as ùire ag ràdh gun do thuit ìre a' chion-chosnaidh air feadh na Rìoghachd Aonaichte bho 4.3% gu 4.1% air na trì mìosan mu dheireadh an-uiridh. Dh'fhuirich ìre na h-Alba aig 4.1%. Dh'èirich tuarastail air feadh Bhreatainn aig 3.7% ach tha sin fhathast nas lugha na ìre na h-atmhorachd.

Poilis a' Mhet

Dh'aidich an Leas-Iar-Choimiseanair, Baz Javid, gu bheil gràin-cinnidh na thrioblaid ann am Poilis a' Mhet. Ach thuirt e gu bheil iad a' feuchainn ri chur às dha sin. Bha Mgr Javid a' bruidhinn an dèidh do dhithis oifigearan dubha innse dhan phrògram NewsNight aig a' BhBC gun deach dìmeas cinnidh a dhèanamh orrasan.

Novak Djokovic

Thuirt Novak Djokovic gu bheil e deònach farpaisean mòra tennis Grand Slam a sheachnadh ma 's e sin a' phrìs airson a bhith a' diùltadh banachdach Chovid. Ann an agallamh leis a' BhBC chuir prìomh chluicheadair na Cruinne astar eadar e fhèin agus iomairt an aghaidh na banachdaich. Ach thuirt e gu bheil roghainn aig a h-uile duine dè an stuth a chuireas iad nam bodhaig. Chaidh an Searbach a chur a-mach à Astràilia air a' mhìos a chaidh ri linn nach do ghabh e banachdach, agus chaill e cothrom airson dìon a chur air an tiotal aig farpais Astràilia.

Aiseagan Cholla

Thòisich iomairt ann an Eilean Cholla airson seirbheisean aiseig nas fheàrr. Chuir muinntir an eilein buidheann ùr air bhonn agus iad den bheachd nach eil iad a' faighinn èisteachd. Dh'fhàg droch shìde bho chionn ghoirid, agus trioblaidean teicnigeach, bùthainnean gann de stuth aig amannan. Ach tha dragh cuideachd ann an Colla mu sheasmhachd na seirbheis le aois bhàtaichean Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn.

New Craigs

Tha sgapadh Chovid aig Ospadal New Craigs ann an Inbhir Nis. Thuirt NHS na Gàidhealtachd gu bheil aon uàrd an sin dùinte an dèidh àireimh bhig de chùisean.