"Barrachd a dhìth" a thaobh nan gèadh

  • Air fhoillseachadh
Geòidh

Nochd beachd gu bheil barrachd fhathast a dhìth airson smachd a chur air àireamh nan gèadh.

Dh'innis Riaghaltas na h-Alba an t-seachdain seo gum faigh croitearan ann an sgìrean eileanach £50,000 gus deiligeadh ri buaidh nan gèadh glasa.

Thèid an t-airgead gu pròiseactan smachdachaidh a th' ann mar-thà ann an Arcaibh, Colla, Na Hearadh, Leòdhas, Tiriodh is Uibhist.

Chaidh na pròiseactan sin a stèidheachadh ann an 2012.

A' tadhal air Arcaibh Diciadain gus an t-airgead fhoillseachadh, thuirt Ministear na h-Àrainneachd is Ath-leasachaidh an Fhearainn, Màiri NicAilein, gu bheil an Riaghaltas mothachail air na draghan aig tuathanaich is croitearan.

"Tha mi air èisteachd ri tuathanaich is croitearan mun duilgheadas leis na geòidh ghlasa is tha mi a' tuigsinn gu bheil na h-eòin a' toirt buaidh mhòr air coimhearsnachdan croitearachd agus air a' mhachair.

"Tha seo mar phàirt den oidhirp againn obair àiteachais a tha seasmhach a bhrosnachadh", thuirt i.

Chuir croitearan is tuathanaich air fàilte air an airgead is iad ag ràdh gu bheil na h-eòin a' dèanamh millidh.

Èirigh

Dh'innis cathraiche Urras Oighreachd Chàrlabhaigh, Coinneach MacIllinnein, gu bheil àireamh nan gèadh air èirigh a-rithist gu mòr san dà bhliadhna mu dheireadh.

"Chan eil cùisean a' dol càil nas fheàrr ach tha sin gu mòr ri linn gu bheil sinn air a bhith dà bhliadhna a-nise gun mòran seilg air a bhith a' dol às dèidh nan gèadh, is na sgeamaichean seo air stad ri linn Covid is rudan mar sin, agus ri linn a' mhaoineachaidh a bha na sgeamaichean sin a' faighinn, gun deach stad a chur air aig ìre riaghaltais", thuirt Mgr MacIllinnein.

"'S e naidheachd mhath dha-rìribh a tha seo airson tha san dà bhliadhna mu dheireadh àireamh nan gèadh air èirigh, chan eil teagamh sam bith an sin", thuirt e.

Ach ged a thuirt Mgr MacIllinnein gun dèan an t-airgead feum, thuirt e gu bheil dragh ann nach eil na sgeamaichean a th' ann a' dol fada gu leòr.

"Chanainn gu bheil barrachd a dhìth. Cha creid mi gu bheil beachd aig duine a' bhuaidh a tha geòidh a' toirt air talamh ach daoine a tha ga fhaicinn dhaibh fhèin.

"Chaninn gum faodadh iad an sgeama fhosgladh nas fhaide. Mar a tha an sealg an-dràsta, tha an sgeama eadar an Gearran is deireadh a' Ghiblein.

"Nam fosgladh iad sin a-mach, gu h-àraid tro mhìosan an t-samhraidh, ach chan eil fiosam an gabh sin a bhith air a dhèanamh", thuirt e.

Thuirt Mgr MacIllinnein cuideachd gu bheilear a' feitheamh fios air mar a thèid an t-airgead a roinn a-mach.