Naidheachdan 11:00m
An Ugràin
Gheall Boris Johnson sreath de chasg-bhannan air an Ruis an dèidh dhan Cheann-suidhe Putin feachdan òrdachadh gu dà sgìre san Ugràin a tha fo smachd reubaltach. Thuirt Mgr Putin gu bheil iad ann airson sìth a ghlèidheadh. Choinnich comataidh èiginn Cobra tràth an-diugh agus an dèidh làimhe thuirt Boris Johnson gun tèid smachd-bhannan eaconomach a stèidheachadh gun dàil agus gun lean taic na Rìoghachd Aonaichte dhan Ugràin.
Tha an àireamh dhaoine a' feitheamh àite san ospadal ann an Alba aig an ìre as motha riamh. Tha figearan Slàinte Phoblach Alba suas gu deireadh na bliadhna an-uiridh a' sealltainn còrr is leth-mhillean duine air an liosta. Bha aon duine anns gach deichnear dhiubh sin a' feitheamh còrr is bliadhna ri obair-lannsa àbhaistich airson an leithid cruachan air neo gliùn ùr. Tha Riaghaltas na h-Alba a' gealltainn £1bn mar phàirt den phlana airson seirbheis na slàinte a chuideachadh a' faighinn thairis air buaidh a' phandemic.
Chuir Rùnaire na Slàinte, Sajid Javid, dìon air co-dhùnadh an Riaghaltais cur às dhan chuid mu dheireadh de bhachaidhean laghail Covid ann an Sasainn. Thuirt e gu bheil am bhìoras a' crìonadh an sin agus prògram na banachdaich a' cur dìon air an t-sluagh an aghaidh srèana Omicron. Bheir Nicola Sturgeon fiosrachadh do Holyrood feasgar air a planaichean airson riaghailtean Covid na h-Alba. Chan eil dùil gun tèid na bacaidhean mu dheireadh a thogail an Alba mar a tha a' tachairt ann an Sasainn.
Tha figearan ùra a' sealltainn còrr de £2.9bn ann an ionmhas Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte san Fhaoilleach. Sin a' chiad uair bho thòisich am pandemic a bha airgead an còrr ann.
Tha comhairlichean nan Eilean Siar a' bhòtadh an-diugh air àrdachadh 3% sa chìs-chomhairle. Tha ceannardan na Comhairle ag ràdh gu bheil sin nas lugha na ìre na h-atmhorachd. Tha iad ag ràdh gur e glè bheag de ghearraidhean a bhiodh ann am planaichean a' bhuidseit aca agus gun lìon iad beàrn de £500,000 le airgead a tha air a' chùmhnadh aca. Tha dùil gun cuir comhairlichean an SNP an aghaidh an àrdachaidh.
Tha fear-gnothaich à Barraigh ag ràdh gu bheil an t-àm ann lìora Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn a bhriseadh agus fhosgladh gu farpais bhon roinn phrìobhaidich. Thuirt Dòmhnall Eòsaph Mac'illEathain, Stiùiriche Barratlantic, gu bheil màill mhòr air bathar leis cho tric 's a tha an t-seirbheis eadar Bàgh a' Chaisteil agus Tìr-Mòr dheth agus nach eil earbsa aca tuilleadh ann an CalMac. Thuirt tè-labhairt ChalMac gu bheil iad a' tuigsinn cho doirbh 's a tha e do mhuinntir nan eilean nuair a tha seirbheisean dheth le droch shìde ach gun cuir iad seòlaidhean a bharrachd air dòigh nuair a bhios aimsir nas fheàrr ann.
Seirbheisean Rèile
Thuirt na companaidhean rèile gu bheil iad faisg air tilleadh gu làn-chlàr-ama an dèidh làithean de throimhe-chèile a rinn an droch shìde. Tha an àireamh de rabhaidhean mu thuiltean ann an Sasainn, an Alba agus sa Chuimrigh air tuiteam gu faisg air ceud.