
Fhuair an dithis luchd-còmhnaidh a-mach às an taigh gu sàbhailte
Rinn teine sgrios air taigh ann Eadar Dhà Fhadhail ann an sgìre Ùig' Leòdhais oidhche Mhàirt an dèidh do dhealanach bualadh ann.
Fhuair an dithis a bha a' fuireach ann a-mach às gu sàbhailte.
Chaidh fios a chur air na seirbheisean èiginneach mu 01:52m Diciadain mun teine.

Chuireadh ceithir carbadan smàlaidh chun na làraich, agus chaidh aig an luchd-smàlaidh air smachd fhaighinn air an teine.
Tha droch shìde a' fàgail na h-uimhir de sgìrean eadar Leòdhas, Cataibh agus Sealtainn gun dealan.
Agus tha mòran de sheirbheisean aiseig a' chosta an iar dheth Diciadain le rabhadh air tuilleadh droch shìde fhathast.