
Tha tòrr chothroman ach cuideachd tòrr chunnartan ann do chroitearan a bhith a' reic chreideasan càrboin, no carbon credits.
'S e sin rabhadh a nochd aig Buidheann Thar-phàrtaidh na Croitearachd aig Holyrood oidhche Chiadain.
Thèid aig uachdarain no luchd-àiteachais a tha air leasachadh a dhèanamh air an talamh aca a tha a' glèidheadh càrboin, sealbh air sin a reic - mar as trice ri companaidh a tha airson rudeigin a dhèanamh mu choinneimh na tha iad fhèin a' cur a-mach de chàrbon.
Tha dùil gum faodadh cothroman gu leòr a bhith an cois seo do chroitearan le sgeamaichean gus craobhan a chur, is talamh mòintich a leasachadh am measg eile.
Rabhaidhean
Thàinig rabhaidhean aig buidheann na croitearachd bho luchd-lagh Coimisean na Croitearachd agus luchd-comhairleachaidh eile ge-tà, gum bu chòir do chroitearan a bhith faiceallach mun chùis.
Ged a tha cothroman ann airgead a dhèanamh, thuirt iad, tha cuideachd cunnartan is a' mhargaidh seo cho ùr.
Thuirt iad le prìs aonad de charbon a' sìor fhàs, nach biodh e glic reic ro thràth.
Dh'innis iad cuideachd nach biodh e glic nas motha sealbh air pròiseict a reic, is an uairsin cunnart gum bi feum aig croitearan fhèin na tha iad a' cruthachadh de chàrbon a lùghdachadh is gun chothrom aca a' phròiseact sin a chleachdadh.
Thuirt iad gur dòcha san t-suidheachadh sin gum feumadh croitear fiù 's beathaichean a chur bhuapa mar dhòigh eile air na tha iad a' cruthachadh de charbon a ghearradh.