Covid: Ìmpidh air coimhearsnachdan eileanach

  • Air fhoillseachadh
Coròna-bhìoras

Chuir NHS nan Eilean Siar ìmpidh air coimhearsnachdan cumail orra a' leantainn riaghailtean Chovid ann an oidhirp stad a chur air a' bhìoras bho bhith a' sgapadh.

Bha Covid-19 air a dhearbhadh às ùr ann an timcheall air 300 duine sna h-Eileanan Siar san deich là mu dheireadh, agus Diardaoin, airson an dàrna là sreath a chèile, bha 52 de chùisean ùra ann.

Tha NHS nan Eilean Siar airson cur an cuimhne dhaoine gu bheil aig muinntir na h-Alba fhathast ri fuireach aig an taigh ma bhios Covid orra.

Thuirt an t-Àrd-Oifigear, Gòrdan Jamieson, ged a thathas a' cur fàilte air fuasgladh sna riaghailtean, gu bheil Covid fhathast a' toirt buaidh air na h-eileanan.

Thuirt e gu bheil fianais aig an NHS an-dràsta gu bheil am bhìoras air a bhith a' sgapadh am measg choimhearsnachdan, agus Covid fhathast a' toirt buaidh air slàinte cuid de dhaoine.

Thathas airson 's gun cùm daoine orra a bhith a' dèanamh na 's urrainn dhaibh gus stad a chur air Covid bho bhith a' sgapadh, ann an oidhirp dìon a chur air slàinte mhuinntir nan eilean a thuilleadh air an eaconamaidh ionadail.