Cunntas-sluaigh na h-Alba a' dol beò

  • Air fhoillseachadh
Cunntas-sluaigh na dùthcha ga fhoillseachadh
Fo-thiotal an deilbh,

Tè de luchd-obrach a' phuist, Patrona Tunilla, a' sealltainn cèis a' chunntais-sluaigh a chì sinn a dh'aithghearr

Gheibh a h-uile dachaigh an Alba, litir le fiosrachadh mu chunntas-sluaigh na dùthcha agus iad air am brosnachadh a lìonadh a-steach.

'S e cunntas sònraichte a tha seo de shluagh na dùthcha agus thèid am fiosrachadh a thig bhuaithe a chleachdadh airson planadh a dhèanamh a thaobh seirbheisean poblach agus airson co-dhùnaidhean a dhèanamh air maoineachadh airson foghlaim, slàinte, còmhdhail agus cùraim shòisealta.

Airson a' chiad uair thathar an dùil gur ann air-loidhne a thèid a' mhòr-chuid de fhreagairtean a' chunntais a lìonadh ach gheibhear fhathast leth-bhreacan pàipeir airson an lìonadh a-steach.

Gheibh còrr is 2.5m dachaigh an cunntas-sluaigh, a' riochdachadh mu 5.5m neach.

Ged nach eil là a' chunntais ann gus am 20mh den Mhàrt faodaidh daoine a chrìochnachadh aig àm sam bith thuige sin.

Cothrom

Pilar Garcia de Leaniz
Fo-thiotal an deilbh,

'S i Pilar Garcia de Leaniz a chruthaich am pìos ealain airson a' chunntas-sluaigh

Chaidh an cunntas-sluaigh fhoillseachadh ann an Glaschu Diluain le seo air a chomharrachadh le pìos ealain mòr a chruthaich Pilar Garcia de Leaniz - tè-ealain Spàinnteach a tha a' fuireach ann an Dùn Èideann - air a shealltainn airson a' chiad uair.

Tha am pìos ealain "Scotland Connected" a' riochdachadh muinntir na h-Alba agus an dleastanas aca ann a bhith a' gabhail pàirt sa chunntas-sluaigh.

Thèid an obair-ealain a thaisbeanadh air feadh na dùthcha tron Mhàrt le cothrom air a thoirt do choimhearsnachdan cur ris mus till e à Dhùn Èideann air là a' chunntais, am 20mh den Mhàrt.

Thuirt am Ball-Pàrlamaid airson Bun-reachd, Cùisean an Taobh A-muigh agus Cultar aig Westminster, Aonghas Robasdan, gun robh e cudromach gun cluinneadh iad bhon a h-uile duine.

"'S e rud air leth a th' anns a' chunntas-sluaigh a tha a' cur nan ceistean cudromach air an dùthaich air fad, a bheir dhuinn barrachd tuigse air na bhios a dhìth air ar coimhearsnachdan," thuirt Mgr Robasdan.

Tha grunn cheistean na mheasg air grunn chuspairean mar an t-seòrsa taigheadais a th' aig daoine, an slàinte agus an cuid obrach agus ceistean a thaobh na Gàidhlig.

Tha ceistean ùra cuideachd leithid a bhith a' cleachdadh BSL, na ceadan-siubhail a th' aig daoine, ma tha iad air a bhith anns na feachdan armaichte, agus an inbhe trans.

Ma tha taic a dhìth le bhith a' lionadh a-steach a' chunntais gheibhear sinn air an làraich-lìn , taobh a-muighno le a bhith a' cur fòn an-asgaidh gu 0800 030 8308.

Tha cunntas-sluaigh na dùthcha air tachairt a h-uile 10 bliadhna bho 1801 seach 1941 air sàilleibh an Dàrna Cogaidh agus an-uiridh air sàilleibh Covid-19.