
Nochd rabhadh gu bheil na mìltean de dhaoine ann an Alba a' call a-mach air bann-leathann nas saoire - is cosgaisean bith-beò a' sìor èirigh.
Cuiridh cuid de chompanaidhean eadar-lìn am prìsean suas gu mòr bho Dhimàirt.
Thig àrdachadh 9.3% air cosgaisean bann-leathainn Plusnet.
Bidh na prìsean aig BT, EE, TalkTalk agus Vodafone a' dol suas cuideachd anns na seachdainean ri thighinn.
Tha na companaidhean air a bhith ag ràdh gu bheil daoine air a bhith a' cleachdadh tòrr a bharrachd dàta is iad aig an taigh barrachd bho thòisich am pandemic.
Tha a' bhuidheann-riaghlaidh, OFCOM, ag ràdh gu bheil dragh orra nach eil na companaidhean seo a' toirt gu leòr fiosrachaidh seachad mu na taraifean as saoire a tha iad a' tabhainn - taraifean sòisealta - a' ciallachadh gu bheil daoine aig nach eil obair no aig a bheil teachd a-steach nas ìsle, a' call a-mach.
Gheibh cuid taraifean sòisealta airson cho beag ri £10 sa mhìos.
Dh'iarr Ofcom barrachd sanasachd airson taraifean sòisealta, is cosgaisean de dh'iomadach seòrsa a' dol am meud.