Naidheachdan 11:00m
An Ucràin
Thuirt Riaghaltas na h-Ucràin gu bheil feachdan Ruiseanach a' feuchainn ris a' phriomh bhaile, Kyiv agus an dàrna baile as motha, Kharkiv, a chuir fo shèist le bhith a' gearradh seirbheis an uisge agus an dealain. Tha dealbhan saideil a' sealltainn sreath fad dà fhichead mìle de dh'armachd Ruiseanach a' dèanamh air Kyiv.
Tha Cùirt Eadar-nàiseanta na h-Eucoir a' rannsachadh aithrisean air eucoirean cogaidh anns an Ucràin. Thuirt an Ceann-suidhe Zelensky gu bheil an Ruis ag amas a dh'aona ghnothaich air sìobhaltaich ann an Kharkiv far an deach deugachadh dhaoine a mharbhadh ann an ionnsaighean rocaid. Thuirt Leas-phrìomhaire na Rìoghachd Aonaichte, Dominic Raab, gu bheil Breatainn a' cuideachadh le glèidheadh fianais air eucoir cogaidh agus gun cuir iad taic ris a' Chùirt Eadar-nàiseanta.
Tha Boris Johnson a' dol gu taobh sear na h-Eòrpa an-diugh far an coinnich e ri Àrd Rùnaire NATO. Tha dùil gun can Mgr Johnson, ann an òraid sa Phòlainn, gu bheil dol a-mach na Ruis anns an Ucràin na chunnart do dh'òrdugh eadar-nàiseanta.
Tha YouTube a-nise am measg chompanaidhean nam meadhanan sòisealta a tha a' cur casg air stuth nan stèiseanan telebhisean RT agus Sputnik a tha fo smachd a' Khremlin. Rinn Facebook agus Twitter an dearbh rud ron a seo.
Plana
Tha Rùnaire an Ionmhais a' foillseachadh stratadsaidh ùr eaconomaigeach do dh'Alba an-diugh. Thuirt Ceit Fhoirbeis gu bheil am plana deich bliadhna son faighinn seachad air buaidh a' phandemic ag amas air dùthaich nas beartaiche, nas cothromaiche agus nas uaine.
Celtic
Thug britheamh cead do chùis-lagha an aghaidh Cluba Ball-coise Celtic. Tha buidheann de dhà dhuine thar fhichead a' cumail a-mach gun do dh'fhuiling iad ionnsaighean drabasta nuair a bha iad a' cluich do Celtic Boys Club agus tha iad a' sireadh airgid-dìolaidh. Tha Celtic a' cumail a-mach gur e dà bhuidheann eadar-dhealaichte a bh' anns a' chluba ball-coise agus club na h-òigridh ach thug britheamh aig Cùirt an t-Seisein cead dhan chùis-lagha a dhol air adhart.