
Tha Stòras Uibhist ag iarraidh aiseig air iasad airson Loch Baghasdail is an t-seirbheis sin gus a bhith dheth bho Dhidòmhnaich seo tighinn gu deireadh na mìos.
Dh'innis Caledonian Mac a' Bhriuthainn gu bheil na tha aca de bhàtaichean san doc an-dràsta 'son càradh bliadhnail a' fàgail nach urrainn dhaibh seirbheis a chumail a' dol eadar Loch Baghasdail agur tìr-mòr.
Thuirt iad gun tàinig dàil ris nach robh dùil sa phrògram chàraidh aca. Thuirt iad gu bheil feum air obair-stàilinn a bharrachd a dhèanamh air a' Chlansman is dàil trì seachdainnean oirrese, a tha a' fàgail dàil cuideachd air obair bhliadhnail air an Hebrides.
Tha sin a' ciallachadh gu bheil iad air an Lord of the Isles a thoirt bho shlighe Loch Baghasdail san eadar-ama.
Dh'innis a' chompanaidh gur e "co-dhùnadh duilich" a bh' ann a thaobh seirbheis Uibhist a Deas, ach nach eil mòran roghainnean aca ann an suidheachadh mar seo. Thabhainn iad leisgeul airson troimhe-chèile sam bith a bhios ann.
Ach tha Stòras Uibhist am measg nach eil idir air an dòigh.
Earbsa
Thuirt fear de stiùirichean na buidhne, Dòmhnall Iain Camshron, nach eil an t-seirbheis a tha CalMac a' toirt seachad an-dràsta idir a' coinneachadh ri feumalachdan muinntir an eilein.
"Tha iad a' faighinn taic bhon Riaghaltas airson aiseagan a ruith. Tha iad a' faighinn taic airson aiseag a ruith a Loch Baghasdail is chan eil aiseag a' ruith ann. Cà' bheil an t-airgead sin a' dol?
"Chan eil iad ach a' toirt dhuinn ach leisgeul às dèidh leisgeul às dèidh leisgeul", thuirt e.
Ged a tha seirbheis a' frithealadh air Uibhist tro Loch nam Madadh, thuirt Mgr Camshron nach gabh earbsa a chur innte nas motha.
Thuirt e cuideachd gun do gheall Riaghaltas na h-Alba gu Stòras Uibhist an-uiridh gur e slighe riatanach a th' ann eadar Loch Baghasdail is Malaig is gum biodh iad a' cumail bàta oirre.
Thuirt e nach eil iad air cumail ris a' ghealltanas sin is gu bheil daoine mar sin a' call earbsa san t-seirbheis.
Tha e ag ràdh gum feum CalMac fuasgladh eile a lorg 'son Uibhist a Deas le bàta fhaighinn air iasad.