Cùisean Covid air èirigh sna h-Eileanan Siar

  • Air fhoillseachadh
Coròna-bhìoras

Bha an àireamh làitheil a b' àirde fhathast de chùisean ùra Covid anns na h-Eileanan an Iar Diardaoin - 84 cùisean ùra.

Thuirt NHS nan Eilean Siar gun robh còrr air 70 dhiubh sin ann an Leòdhas, agus an còrr air an roinn tro na h-eileanan eile.

Dh'iarr iad air daoine na bu thràithe air an t-seachdain a bhith faicailleach agus cumail ris na riaghailtean mun bhìoras, ri linn mar a tha seirbheisean poblach a-nis a' tighinn fo uallach le daoine gan cumail fhèin air leth.

Cuideachd Diardaoin, dh' iarr NHS na Gàidhealtachd air muinntir na sgìre sin a bhith faiceallach - le àireamhan chùisean ag èirigh, agus còrr air 50 duine san ospadal ri linn Covid-19.