Leabhraichean Gàidhlig ann an sgiop san Òban
Tha Comhairle Earra Ghàidheal is Bhòid air rannsachadh a thòiseachadh air mar a chaidh sgiop làn leabhraichean Gàidhlig a lorg ri taobh seann oifis foghlaim na comhairle anns an Òban.
Dh'fhàg seo pàrantan is cuid eile sa bhaile feargach.
Chaidh aca air grunn leabhraichean a shàbhaladh ach tha aithrisean ann gun do dh'fhalbh sgiop làn eile ron seo, mus robh fios aig daoine gun robh e ann.
Tha an aithris seo aig Andreas Wolff.