Aithris Andreas Wolff às an Òban.
Thuirt Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid gu bheil iad air rannsachadh a thòiseachadh às dèidh mar a chaidh an t-uabhas de leabhraichean Gàidhlig a lorg ann an sgiop san Òban.
Bha an caothach dearg air pàrantan is eile nuair a nochd dealbhan air na meadhanan-sòisealta de na leabhraichean san sgiop.
Bha an sgiop taobh a-muigh togalaich a bha air a chleachdadh le Roinn Foghlaim Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid.
Bha feadhainn de na leabhraichean ùr agus fhathast ann am pasgan.
Chaidh aig grunn dhaoine air leabhraichean a shàbhaladh bhon sgiop ach dh'innis feadhainn a tha a' fuireach faisg air làimh gun do dh'fhalbh sgiop làn eile ron a seo, mus robh fios aig daoine gun robh e ann.
Tha Comann nam Pàrant san Òban a-nise air sgrìobhadh gu Comhairle Earra-Ghàidheal a' sireadh fiosrachaidh air ciamar a thachair seo.
"Briseadh-dùil"
"Fhuair mi fios bho phàrant eile le clann ann an foghlam Gàidhlig gun robh leabhraichean ann an sgiop", thuirt cathraiche Chomann nam Pàrant san Òban, Alison Craig.
"Thàinig mi is bha bocsaichean is bocsaichean is bocsaichean ann.
"Tha coimhearsnachd Ghàidhlig seo a chuireadh fàilte mhòr air na leabhraichean seo.
"Tha e tàmailteach is tha e na bhristeadh-dùil gun robh cuideigin aig àrd-ìre sa Chomhairle den beachd gum bu chòir na leabhraichean seo falbh air an t-sitig seach a bhith air an roinn a-mach gu daoine", thuirt i.
Dh'innis Alison gum bi i a' seachnadh Cruinneachadh Gàidhlig na Comhairle an t-seachdain seo is i cho feargach mun chùis.
Ann am brath, thuirt Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid gu bheil iad "mothachail" air a' chùis is gu bheil "rannsachadh air tòiseachadh".
Chaidh ceist a chur air a' Chomhairle cuideachd mu chasaid gun deach fiosrachadh pearsanta dhaoine a lorg san sgiop cuideachd. Cha tàinig freagairt aig an ìre seo.