
Nochd rabhadh gu bheil cunnart mòr ann bho theintean monaidh ann am mòran sgìrean air a' Ghàidhealtachd is anns na h-Eileanan an-dràsta.
Thuirt Seirbheis Smàlaidh agus Teasargainn na h-Alba gum bu chòir do dhaoine a bhith faiceallach ma tha iad a-muigh ann an sgìrean dùthchail nach tòisich iad teintean, no nach dèan iad dad a dh'fhaodadh teine adhbhrachadh.
Tha aimsir thioram agus gaoth làidir còmhla dualtach teine sam bith a sgapadh gu luath.
Sgrios
"Faodaidh teintean monaidh maireachdainn fad làithean agus sgrios a dhèanamh air sgìrean farsaing", thuirt Bruce Farquharson bho Sheirbheis Smàlaidh agus Teasargainn na h-Alba.
"Faodaidh iad cuideachd cron a dhèanamh air an àrainneachd le gasaichean milteach a chur ma sgaoil.
"Tha e cho cudromach 's a ghabhas gun lean daoine Còd nan Sgìrean Dùthchail is gum bi iad anabarrach faiceallach ma tha iad a' lasadh teine idir", thuirt e.
Tha an rabhadh, taobh a-muigh ann gu Diciadain.