
Tha Poileas Alba air cunntas coltais ùr a sgaoileadh den duine a tha iad a' lorg ann an co-cheangal ri murt Alasdair MhicUilleim.
Tha iad ag ràdh gur dòcha gun robh am murtair nas òige na bha iad a' creidsinn sa chiad dol a-mach.
Thuirt iad gu bheil seo a' tighinn às dèidh dhaibh ath-sgrùdadh a dhèanamh air cunntasan bho fhianaisichean, an tuilleadh sgrùdaidh a dhèanamh air nuair a thachair gnothaichean oidhche a' mhuirt, agus às dèidh leasachaidhean san rannsachadh.
Chaidh Alasdair MacUilleim a mhurt nuair a chaidh losgadh air air stairsich a dhachaigh fhèin ann an Inbhir Narann air an 28mh den t-Samhain 2004.
Dh'innis na poilis roimhe gun robh iad iad a' sireadh fireannaich eadar 30 is 40 bliadhnna a dh'aois.
Tha iad ag ràdh a-nise gur dòcha am murtair nas òige is gur dòcha gun robh e eadar 20 is 40 aig an àm.
Thuirt iad gun robh e mu 5 troighean is 7 oirlich a dh'àirde is gun robh ad baseball is seacaid air.
Cèis
Chaidh losgadh air Mgr MacUilleim mu 7f às dèidh dha fireannach nochdadh aig dachaigh an teaghlaich air Rathad a' Chorrain an Inbhir Narann.
Bhruidhinn an duine an toiseach ri bean Alasdair MhicUilleim, Vernonica, is thuirt e gun robh e 'son bruidhinn ri Alasdair.
Chaidh Mgr MacUilleim chun an dorais is chaidh cèis ghorm leis an fhacal "Paul" sgrìobhte air a thoirt dha.
Thill e a-staigh 'son treis is nuair a chaidh e air ais chun an dorais chaidh losgadh air.
"Tha còrr is 17 bliadhna ann bho chaidh Alasdair MacUilleim a mhurt agus tha oifigich le eòlas sònraichte aig ìre ionadail, nàiseanta is eadar-nàiseanta fhathast ga sgrùdadh", thuirt an DI Graeme Mackie, a tha os cionn an rannsachaidh.
"Bha sinn a' creidsinn ron seo gun robh am murtair eadar 30 is 40 bliadhna a dh'aois. Às dèidh rannsachaidh fharsaing, tha mi a' smaointinn gun robh seo ro chumhang agus gun robh an duine a tha sinn a' smaointinn a mharbh Alasdair eadar 20 is 40 aig an àm.
"Bhiodh seo a' ciallachadh gum faodadh e a bhith a-nise eadar mu 35 is cha mhòr 60.
Agallamhan
"Tha cuideigin a-muigh an sin is fios aca cò mhurt Alasdair is tha mi an dòchas gun cuir an tagradh ùr seo an-diugh ann an cuimhne dhaoine nach eil e àm sam bith ro anmoch a bhith a' tighinn air adhart le fiosrachadh.
"Na bi a' smaointinn gu bheil fios aig na poilis mar-tha air rudeigin as aithne dhuibh", thuirt e.
Dh'innis Poileas Alba an t-seachdain seo chaidh gun robh oifigich a tha a' rannsachadh murt Alasdair MhicUilleim air siubhal a Chanada mar phàirt den sgrùdadh.
Rinn feadhainn bho Sgioba Mòr-rannsachaidh Phoileas Alba agallamhan le fianaisichean ann an Alba Nuadh, an co-bann le poilis Chanadianach.
Thathas ag iarraidh air duine sam bith le fiosrachadh fònadh gu 101 is àireamh 515 04/03/2022 a thoirt seachad agus Operation Sorn.
Faodar cuideachd post-d a chur gu cunntas sònraichte aig SCDHOLMESAberdeen@scotland.pnn.police.uk.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh4 Am Màrt 2022
