Rabhadh mu Chovid aig tuath

  • Air fhoillseachadh
Covid

Thug NHS na Gàidhealtachd rabhadh seachad gu bheil Covid fhathast a' sgapadh gu dona anns a' choimhearsnachd.

Thuirt iad gu bheil uallach orra air sgàth suidheachadh am bhìorais air Ghàidhealtachd agus an Earra-Ghàidheal is Bòd.

Bha iad ag ràdh gu bheil sgapaidhean aig ospadalan, dachannan-cùraim agus làraichean eile air cur ris an trioblaid.

Faiceall

Thuirt Stiùiriche Slàinte Phoblaich NHS na Gàidhealtachd, an Dtr Tim Allison, gu bheil ceumannan riatanach gan gabhail aig làraichean slàinte is cùraim airson stad a chur air a' ghalar, ach nach eil daoine cho faiceallach 's a bha iad a-muigh anns a' choimhearsnachd, agus gu bheil sin a' leigeil le Covid sgaoileadh.

Ged nach eil Covid sa chumantas cho dona 's a bha e an-dràsta, tha e ag ràdh gu bheil e air daoine a th' anns an ospadal airson adhbharan eile agus gum feum dèiligeadh riutha ann an dòigh shònraichte.

Luchd-obrach

Tha mòran luchd-obrach dheth cuideachd agus thathas air a bhith ag iarraidh air daoine diofar obraichean a dhèanamh nuair a tha sin iomchaidh gus seirbheisean a chumail a' dol.

Thuirt an Dtr Allison gun robh teachdaireachd aige dhan t-sluagh: "Bithibh furachail, anns a h-uile àite anns am bi sibh."