
Tha obair a' tòiseachadh Diciadain air ionad ùr a thogail ann an Inbhir Nis do chloinn 's do dh'inbhich òga le feumalachdan slàinte sònraichte.
Cosgaidh e £4m an 'Haven' a thogail aig làrach ann am Baile Ghobhainn an ear air Inbhir Nis.
Mairidh an obair togail mu bhliadhna.
Chaidh Bunait Elsie Normington a stèidheachadh bho thùs ann an 2013 le amas ionad a chruthachadh air a' Ghàidealtachd do chloinn 's do dh'inbhich òga le feumalachdan sònraichte.
Am measg na bhios anns an ionad, bidh goireasan curaim-chloinne, àitichean fuirich do theaghlaichean a tha feumach air fois, àite-cluich a-staigh, cafaidh, agus gàrradh.

Tha iarrtas air a bhith ann fad iomadh bliadhna airson ionad den leithid air a' Ghàidhealtachd, le mòran theaghlaichean bho air feadh na sgìre agus bho na h-eileanan a' siubhal a Ghlaschu agus nas fhaide air falbh airson taic fhaighinn airson an cuid chloinne.
"'S e clach-mhìle air leth a tha seo a th' againn le toiseach na h-obrach", thuirt Elsie Normington, cathraiche Bunait Elsie Normington.
"Tha cruaidh fheum air Ionad an Haven agus bheir e cruth atharrachadh air beatha cloinne is dhaoine òga le fìor thrioblaidean ionnsachaidh.
"'S e rud sònraichte a th' ann dhuinn an ìre seo a ruighinn is cha bhiodh e air a bhith comasach as aonais na taice a fhuair sinn bho iomadh buidheann is daoine a thog airgead dhuinn", thuirt i.
A thuilleadh air an airgead a thog iad fhèin, tha pròiseact an Haven cuideachd air maoineachaidh fhaighinn bho Riaghaltas na h-Alba, An Crannchur Nàiseanta agus Comhairle na Gàidhealtachd.