
Dh'iarr Poileas Alba air luchd-coiseachd is luchd-sreap a bhith mothachail gu bheil tòrr sneachda is deigh anns na beanntan fhathast is iad ag ràdh gum bu chòir do dhaoine a bhith anabarrach faiceallach anns na seachdainnean ri tighinn.
Dh'innis na Poilis gu bheil sgiobaidhean-teasairginn air a bhith gu math trang bho chionn ghoirid is gu bheil sianar air am beatha a chall anns na beanntan sa chola-deug mu dheireadh.
Chaochail fireannach Dimàirt às dèidh tubaist air Beinn Nibheis.
Chaidh stad rè-ùine a chur air iomairt gus lorg fhaighinn air Neil Gillingham, sreapadair a tha a dhìth ann an Gleann Comhann. Tòisichidh an iomairt às ùr nuair a tha e sàbhailte do luchd-teasairginn.
Dùbhlanach
"Tha àm an Earraich air tighinn is aimsir gu math nas fheàrr is làithean beagan nas fhaide na chois", thuirt an Inspeactor Matt Mac a' Ghobhainn bho Phoileas Alba.
"Tha sinn ag iarraidh air daoine a tha a' dèanamh air na beanntan a bhith cho faiceallach 's a ghabhas. Tha cùisean fhathast gu math dùbhlanach is àiteachan a tha gu tur air an còmhdachadh le sneachda is deigh.
"Tha e do-dhèante cuid de na h-àiteachan seo a sheachnadh is tha feum air uidheamachd cheart - is eòlas air mar a tha e ag obair - 'son dèiligeadh riutha.
"'S e a tha sinn ag ràdh gum feum daoine a bhith mothachail air seo, gum feum iad ullachadh ceart a dhèanamh, is gum feum iad a bhith anabarrach faiceallach.
"An dealbh a chunnaic thu air na meadhanan-sòisealta, gu tric chan ann mar sin idir a tha an suidheachadh anns na beanntan ann an da-rìribh", thuirt e.