Leabhraichean Gàidhlig bho sgiop air an sàbhaladh

Tha pàrantan an Earra-Ghàidheal air cha mhòr dà mhìle leabhar Gàidhlig a shàbhaladh bho sgiop taobh a-muigh seann oifis na comhairle.

Sin a chuala comataidh sgìreil an ùghdarrais an-diugh. Ged a thug Comann nam Pàrant faclairean do dh'Àrd-Sgoil an Òbain, cha robh ceannardan sgoiltean eile deònach bruidhinn riutha.

Chaidh innse dhaibh cuideachd gun tàinig an t-òrdugh seo bho Roinn an Fhoghlaim. Tha an aithris seo aig Andreas Wolff ...