
Thuirt Comhairle nan Eilean Siar gun dèan iad strì gus làn-bhuannachd fhaighinn às na trì tuathan-gaoithe a tha san amharc far chladach Leòdhais mar phàirt de sgeama ScotWind.
Tha dragh orra gur dòcha nach e sin a thachras.
Tha iad ag ràdh gu bheil e deatamach gun tig an dealan air tìr ann an Leodhas an toiseach, seach a dhol dìreach a thìr-mòr le càball a bhiodh a' tighinn air tìr ann an Dùn Rath ann an Gallaibh.
Thog Riaghaltas na h-Alba £700m tro sgeama ScotWind le còirichean leasachaidh a reic 'son tuathan-gaoithe aig muir a thogail far chosta na h-Alba.
'S iad na buidhnean Northland Power is Magnora a fhuair na còirichean 'son na pròiseactan an iar is gu tuath air Leòdhas.
Thuirt fear-gairm Comhairle nan Eilean Siar gu bheil buannachdan mòra an lùib seo ach gu bheil e riatanach gum faigh coimhearsnachdan nan eilean cothrom orra.
"Ma 's e is gun tig an càball suas gu Dùn Rath agus an uairsin sìos gu deas, 's e glè bheag bhuannachd a bhios ann dha na h-Eileanan a tha seo agus 's e call mòr a bhiodh sin", thuirt Tormod Dòmhnallach.
Iomairt
Gheall e gun tèid iomairt a dhèanamh airson an dealan a thoirt air tìr ann an Leòdhas an toiseach.
"Tha sinn a' faicinn mar-thà gu bheil leasachaidhean eile a' dol air adhart ann an Àranais mar eisimpleir, agus bidh sin a' tighinn a-steach dhan ghnothach ma se 's gum faigh sinn an cumhachd ath-nuadhachail a' tighinn air tìr timcheall air Barabhas is Gabhsann, agus thig an uairsin sin tro Steòrnabhagh is tarsaing gu tìr-mòr.
"Tha sinn mar chomhairle gu bhith a' strì airson sin airson iomadach bliadhna. Tha sinn air a bhith ga dhèanamh airson iomadach bliadhna agus chan eil sinn fhathast air an toradh a tha sinn airidh air fhaighinn a thaobh cumhachd ath-nuadhachail", thuirt e.
Thuirt Rùnaire an Iomhais, Ceit Fhoirbeis, gum faigh na h-Eileanan buannachd à ScotWind.
Dh'innis i mar phàirt de ScotWind gum feum na companaidhean a fhuair còirichean leasachaidh dreuchdan a stèidheachadh gu h-ionadail.
Thuirt i gu bheil e an urra ri Riaghaltas na h-Alba dèanamh cinnteach gun tachair sin.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh17 Am Faoilleach 2022
