Cìs chonnaidh adhair a bharrachd

  • Air fhoillseachadh
Plèana Loganair

Dh'innis Loganair, a tha a' ruith sheirbheisean adhair air feadh na Gàidhealtachd 's nan Eilean, gun cuir iad cìs chonnaidh a bharrachd air ticeadan ùra.

Thuirt iad gu bheil seo a' tachairt air sgàth phrìsean àrda connaidh an t-saoghail.

Bhon 21mh den Mhàrt, thèid £3.95 a bharrachd gach slighe air ticeadan.

Tha a' chompanaidh an dùil cur às den chìs a bharrachd nuair a thuiteas prìsean ola.