Naidheachdan 11:00m
An Ucràin
Thòisich còmhradh a-rithist eadar an Ucràin agus an Ruis ag amas air stad a chur air còrr is cola-deug de chogadh. Thuirt oifis a’ chinn-suidhe anns an Ucràin gu bheil coltas ann gu bheil Ruiseanaich nas deònaiche adhartas a' dhèanamh 'sna còmhraidhean an turas seo na bha iad gu ruige seo. Thuirt an Ucràin gun cuir iad iarrtas aig meadhan nan còmhraidhean gun tarraing feachdan na Ruis a-mach an-dràsta.
Tha an t-sabaid a' dol air adhart sa Ucràin agus aithrisean ann an-diugh gun deach co-dhiù aon duine a mharbhadh agus na h-uimhir eile a a ghortachadh nuair a bhuail sligean Ruiseanach ann am flataichean sa phrìomh-bhaile, Kyiv.
Tha aithrisean ann gun do chaochail boireannach agus a leanabh nach do rugadh an dèidh ionnsaigh air ospadal ann an Mariupol Diciadain seo chaidh. Chuir na dealbhan agus aithris air na thachair aig an àm uabhas air daoine air feadh an t-saoghail. Tha e coltach gun deach am boireannach a thoirt gu ospdal eile ach nach b' urrainn do dhotairean ise neo an leanabh ris an robh dùil aice a shabhaladh.
Thuirt Sìona nach eil fìrinn idir ann an aithrisean gun do dh'iarr an Ruis taic le armachd bho Beijing. Thuirt neach labhairt ann am Beijing gur iad na Stàitean Aonaichte a sgaoil am fiosrachadh sin 'son cron a dhèanamh air cliù Shìona.
An seo, bheir an riaghaltas tuilleadh fiosrachaidh do Thaigh nan Cumantan feasgar mun phlana 'son àite còmhnaidh do dh'fhogarraich às an Ucràin ann an dachannan Breatannach. Tha làrach-lìn a' toiseachadh an-diugh le fiosrachadh do dh'fheadhainn a tha deònach àite a thoirt dhaibh.
Cosgaisean connaidh
Tha dragh ann gur e sluagh nan eilean 's motha a bhios a' fulang le cosgaisean bith-beò a' sìor èirigh. Tha luchd-iomairt den bheachd gum bi còrr is leth de mhuinntir nan Eilean Sìar ann am bochdainn connaidh, far a bheil còrr 's 10% de theachd a-steach a' dol gu teasachadh na dachaigh agus tha cuibhreachadh ga iarraidh air ola dachaigh mar a tha a' toiseachadh a dh'aithghearr airson gas agus dealain. Tha mòran sgìrean iomallach nach eil air lionradh a’ ghas agus a tha a' cleachadh ola neo dealain 'son teas.