
Chaidh fear de uàrdan Ospadal nan Eilean Siar ann an Steòrnabhagh a dhùnadh do dh'euslaintich ùra ri linn cùisean den choròna-bhìoras co-cheangailte ris an t-seòmar.
Bidh Uàrd Meadaigeach 1 cùideachd dùinte do luchd-tadhail ach a-mhàin nuair a tha sin deatamach agus feumaidh iad uair a chur air dòigh leis an luchd-obrach an toiseach.
Tha an ìre as àirde de chùisean ann an Alba, a-rèir àireamh an t-sluaigh, anns na h-Eileanan an Iar le 144 cùisean ùra air an ainmeachadh an-dè.
Bha 116 dhiubh sin ann an Leòdhas, 6 sna Hearadh, 10 an Uibhist a Tuath, 7 ann am Beinn na Faoghla, 3 an Uibhist a Deasg agus 2 ann am Barraigh.
Sgapadh sa choimhearsnachd
Thuirt NHS nan Eilean Siar gun robh iad taingeil nach robh cus dhaoine air a bheil Covid-19 feumach air cùram ospadail agus gu bheil mòran ann nach fhairich ach beagan chomharran neo nach eil idir a' faireachdainn tinn.
Thuirt am bòrd slàinte gun robh cunnart ann gum biodh an tuilleadh buaidh air seirbheisean agus ìre àrd Covid a' leantainn, gu h-àraid ann an Leòdhas.
Mar sin, tha iad ag iarraidh air eileanaich an stiùireadh slàinte a leantainn airson bacadh a chur air sgapadh sa choimhearsnachd.
Thuirt Àrd-oifigear NHS nan Eilean Siar, Gòrdan Jamieson: "Tha ar coimhearsnachdan air tarraing ri chèile cho math san dà bhliadhna a chaidh seachad airson càch a chèile a dhìon agus tha còir againn uile a bhith moiteil às an sin.
"Feumaidh sinn leantainn oirnn a bhith ag obair còmhla agus gach oidhirp a dhèanmh airson bacadh a chur air sgapadh a' bhìorais agus an troimh-chèile a dh'fhaodadh sin adhbharachadh do sheirbheisean slàinte agus ionadail."