
Thathar airson cluinntinn bho eileanaich a bhiodh airson daltachd a thoirt do chloinn a tha a' sireadh comraich am Breatainn.
Tha Comhairle nan Eilean Siar airson cluinntinn bho dhaoine a bhiodh deònach coimhead às dèidh chloinne a tha a' sireadh comraich am Breatainn.
Tha an t-iarrtas aca a' tighinn agus àrdachadh mòr air thighinn air na tha de chloinn a thig dhan Rìoghachd Aonaichte ann an eathraichean beaga tarsainn Chaolas Shasainn.
Tha Riaghaltas na h-Alba air stòras airgid luach £0.5m a chur mu seach a bhios ri fhaotainn do dh'ùghdarrasan ionadail na dùthcha.
Bidh an t-ionmhais air a roinn a-mach a rèir na h-àireamh de chloinn a bhios gach comhairle a' gabhail fo sgeama nàiseanta.
Faodaidh iad an t-airgead a chosg air luchd-obrach fhastadh, seirbheisean eadar-theangachaidh, taigheadas a leasachadh agus airson rudan pragtaigeach mar aodach, cosgaisean siubhail, cuairtean spòrsail agus stuthan foghlaim.

Thàinig àrdachadh mòr air na tha de chloinn a' sireadh comraich am Breatainn an dèidh dhaibh tighinn tarsainn Chaolas Shasainn
Bidh taic ri fhaotainn dhan dà chuid pàiste sam bith a thig dha na h-Eileanan an Iar agus do am pàrantan-dalta bho luchd-obrach Sheirbheisean Chloinne na Comhairle.
Gheibh luchd-cùraim daltachd trèanadh sònraichte far an ionnsaich iad mu na feumalachdan a dh'fhaodadh a bhith aig cloinn a thig a Bhreatainn leotha fhèin a' sireadh cead fuireach an seo.
Thuirt neach-labhairt Comhairle nan Eilean Siar: "Air thùs agus air thoiseach, 's e clann a th' anns na daoine òga seo a thig gun duine còmhla riutha. Feumaidh iad cùl-taic agus dìon gus am bi iad a' faireachdainn sàbhailte agus airson coimhead às an dèidh gu dòigheil.
"Dh'fhiosraich iad call agus cruaidh-chàs leis gun deach an dealachadh bho an teaghlaichean agus caraidean agus iad fada air falbh bho thìr an àraich agus an eòlais."