Seirbheisean màthaireil Mhoireibh air an deasbad

  • Air fhoillseachadh
Leanabh

Thèid sèirbheisean màthaireil Mhoireibh a dheasbad Diluain agus Rùnaire na Slàinte a' tadhal air Ospadal an Dotair Gray ann an Eilginn.

Coinnichidh Humza Yousaf ri luchd-obrach agus luchd-iomairt.

Chaidh sèirbheisean màthaireil a lùghdachadh aig an ospadal ann an 2018 air sgàth cion luchd-òbrach, a' fàgail gu bheil a' mhòr-chuid de leanabhan às an sgìre a-nis air am breith ann an Obair Dheathain.

Airson cuid de bhoireannaich, tha seo a' ciallachadh turas còrr 's uair a thìde gu leth ann an càr neo carbad-eiridinn.

Àrd-dhotairean

Chaidh ath-sgrùdadh neo-eisimeileach fhoillseachadh san Dùbhlachd a mhol ionad màthaireil a stèidheachadh aig Ospadal an Dotair Gray le ceangal le Ospadal an Rathaig Mhòir ann an Inbhir Nis.

Tha dragh air luchd-iomairt mun sin is iad ag iarraidh seirbheis le àrd-dhotairean os a cionn ann an Eilginn fhèin.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gum foillsich Humza Yousaf freagairt dhan ath-sgrùdadh nas anmoiche air a' mhìos, às dèidh dha coinneachadh le luchd-obrach.

Tha dùil gun tèid an turas aige a dh'Ospadal an Dotair Gray air adhart Diluain a dh' aindeoin is mar a tha sgaoileadh de norobhìoras a' bualadh air pàirtean den ospadal.