Naidheachdan 11:00m

An Ucràin

Cha tug saighdearan Ucràinianach ann am Mariupol feairt air a' cheann-uine a thug an Ruis dhaibh am baile a tha fo shèist fhàgail. Bha an Ruis a' gealltainn slighe shàbhailte dhaibh nan gèilleadh iad, ach thuirt oifigich Ucràinianach nabh gabh earbsa cur anns na Ruiseanaich.

Tha aithrisean ann gu bheil ammonia ag aoidion à factaraidh ann am baile Sumy ann an ceann an ear thuath na h-Ucràin anns an do bhuail sligean Ruiseanach. Chaidh iarraidh air muinntir na sgìre sin fuireach a-staigh air eagal 's gun tèid am puinnseanachadh.

Dh'ainmich Mèar Kyiv curfiu eadar 8f a-nochd agus madainn Dhiciadain. Thuirt Vitali Klitschko gum bi bùthan agus stèiseanan connaidh dùinte a-màireach. Chaidh ochdnar a mharbhadh ann an Kyiv an-raoir nuair a thuit sligean air ionad bhùthan.

Tha 50 dìlleachdan às an Ucràin, agus an luchd-cùram, a' tighinn gu comraich ann an Alba an-diugh. Tha iad a' siubhal às a' Phòlainn gu ruige Lunnain an toiseach mus tig iad a dh'Alba.

Tubaist

Tha e coltach nach tàinig duine beò à tubaist plèana ann an Sìona. Thuit am plèana Boeing 737 le China Eastern Airlines, air an robh 133 duine, ann am monaidhean ann an ceann a deas na dùthcha mus deach i na teine.

Murt Inbhir Narann

Thuirt poilis gu bheil iad a' rannsachadh aithrisean ùra gun deach dithis fhear fhaicinn le gunna-làimhe air an tràigh ann an Inbhir Narann beagan sheachdainnean mus deach am bancair, Alasdair MacUilleim, a mhurt air starsaich a dhachaigh sa bhaile. Chaidh Mgr MacUilleim a mhurt san t-Samhain ann an 2004. Tha poilis a' sireadh taic a-niste ann am faithneachadh an dithis, aon fhear a bha na fhicheadan aig an àm agus fear eile a bha eadar 40 agus 60 bliadhna de dh'aois.

Covid

Thàinig a' mhòr-chuid de bhacaidhean Covid na h-Alba gu ceann sa mhadainn an-diugh. Ach fuirichidh an riaghailt mu mhascaichean ann am bùthan, àiteachan aoigheachd agus air seirbheisean còmhdhail poblach gu tràth air an ath-mhìos nuair a bhios ath-sgrùdadh ann.