
Tha Duolingo air a dhol ann an com-pàirteachas le Sabhal Mòr Ostaig gus an cùrsa Gàidhlig aca a lìbhrigeadh.
Thuirt Duolingo gu bheil fèill cho mòr air a' chùrsa 's gum feumadh iad buidheann a lorg a bheireadh air adhart e, agus gun robh an Sabhal Mòr anabarrach freagarrach.
Chaidh còrr air 1.1 millean neach a thàladh chun a' chùrsa thuige seo.
"Tha mi a' smaointinn gur e an rud mòr as urrainn dhuinne a thoirt a-staigh dhan ghnothach gu bheil ceangal aig an seo ris na cùrsaichean a tha sinne a' ruith co dhiù," thuirt Iar-Stiùiriche Foghlaim an t-Sabhail Mhòir, Eairdsaidh MacGill'Eathain.
"Agus cothrom do luchd-ionnsachaidh a bhith a' dèanamh adhartais san ionnsachadh aca gu ìre nas àirde na tha an-dràsta comasach tro Duolingo," thuirt Mgr MacGill'Eathain.
Miorbhaileach
"Tha Duolingo air obair mhiorbhaileach a dhèanamh agus an sgioba a th' air a bhith an sàs ann air obair mhiorbhaileach a dhèanamh.
"Agus tha mi a' smaointinn gur e com-pàirteachas gu math soirbheachail a bhios ann a' dol air adhart.
"Tha mi a' smaointinn gu bheil e a' toirt daoine a-staigh gu ionnsachadh ann an dòighean eadar-dheallaichte agus gu bheil geamanan is rudan mar sin mar phàirt dheth gun teagamh agus tha spòrs an sàs anns an ionnsachadh sin. Ach cuideachd thathar ag ionnsachadh nam faclan agus nan stuctairean bunaiteach a dh'fheumas tu airson gluasad air adhart sa chànan.
"Tha cothrom againn an seo togail air an sin agus a bhith a' toirt daoine air adhart gu ìre nas àirde an dà chuid le 's dòcha 'Speak Gàidhlig' agus le na cùrsaichean eile a tha sinn a' ruith co dhìu.
"An diofar as motha tha mi a' creidsinn 's e gu bheil an sgioba a bha an sàs ann a-nis gu bhith ag obair air fo bhratach an t-Sabhail Mhòir agus ag obair mar phàirt dhen sgioba. Bha duine no dithis aca ag obair againn co dhiù agus mar sin 's e com-pàirteachas caran nàdarra a bh' ann a bhith a' tachairt san dòigh seo," thuirt Eairdsaidh MacGill'Eathain.