
Tha pròiseact rannsachaidh ùr a' tòiseachadh aig Oilthigh Harvard sna Stàitean Aonaichte a' coimhead air cleachdadh na Gàidhlig ann an Sasainn Nuadh.
'S e an Dtr Stiùbhart Dunmore bho Oilthigh Sussex a tha ga dhèanamh, is seo a' leantainn air bho rannsachadh a rinn e ann an 2018 air cleachdadh na Gàidhlig ann an Alba Nuadh.
"Rudeigin a thàinig a-mach às an rannsachadh sin 's e gu bheil Gàidheil na h-Alba Nuaidhe air a bhith a' tighinn sios an seo gu Sasainn Nuadh bho dheireadh an 19mh lìnn", thuirt an Dtr Dunmore.
"Agus ann an iomadach dòigh 's e na h-aon phàtrain a tha fhathast ri fhaicinn anns na h-Eileanan agus air a' Ghàidhealtachd ann an Alba a thug air daoine an Alba Nuadh a bhith a' fagail na mòr-roinne agus a' tighinn an seo gu Boston agus na stàitean eile ann an Sasainn Nuadh", thuirt e.
"Tha na mìltean de dhaoine air a bhith a' fagail na h-Alba Nuaidhe bhon uairsin agus Gàidheil gu leòr nam measg.
Dripeil
"Tha mi air a bhith ann an conaltradh le diofar bhuidhnean a tha stèidhichte an seo ann am Boston agus ann an Sasainn Nuadh. Buidhnean de dhaoine a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig no aig a bheil a Ghàidhlig. Tha gu leòr aca a rinn ceum no cùrsa aig Sabhal Mòr Ostaig agus a thàinig air ais an-seo agus a tha a' faireachdainn gu math dripeil fhathast a thaobh a bhith a' brosnachadh Gàidhlig anns an sgìre.
"Chan eil mi buileach cinnteach co mheud duine a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig anns an sgìre seo no ann am baile Boston no an Sasainn Nuadh san fharsaingeachd.
"'S e tomhas a rinn an t-Ollamh Kenneth Nielsen nach maireann anns na 1980an gun robh fhathast 300 ann am Boston no mu chuairt air a' bhaile aig an robh a' Ghàidhlig. Agus a' mhòr-chuid acasan, Gàidheil a thog a' Ghàidhlig sa chiad àite ann an Alba Nuadh no ma dh'fhaoidte a thog Gàidhlig bho na pàrantan aca an seo ann an Sasainn Nuadh.
"Bu mhath leam fhaighinn a-mach mar a tha a' Ghàidhlig air a cleachdadh an seo is cuideachd dè na ceangalaichean a tha ann eadar an sgìre seo agus Alba Nuadh", thuirt an Dtr Dunmore.
Fèin-aithne
"Agus dè na h-adhbharain a th' aig daoine tha ag ionnsachadh na Gàidhlig an seo airson ùidh a nochdadh anns a' chànan fhèin agus sa chultar agus san dualchas. A bheil fèin-aithne aca mar Ghàidheil?
"Sin rudeigin a thàinig a-mach às an rannsachadh a rinn mi ann an Alba Nuadh, gu bheil tòrr ann an sin a' cur tòrr cuideim air fèin-aithne mar Ghàidheil fiù's mur a bheile na pàrantan aca no na seann-phàrantan aca a' bruidhinn na Gàidhlig. Bha faireachdainn aca gur e Gàidheil a bh' annta co-dhìu.
"Chan eil mi cinnteach a bheil an aon phàtran dol a bhith a' nochdadh an seo ann an Sasainn Nuadh.
"Aig deireadh a ghnothaich bu mhath leam barrachd a thuigsin a thaobh dè as urrainn dhuinne ann an Alba a bhith a' faighinn a-mach agus ag ionnsachadh bho eisimpleir nan Gàidheal ùr an-seo.
"Chan eil poileasaidh oifigeil an seo airson Gàidhlig a bhrosnachadh ach tha a-rèir choltais daoine a' gabhail ùidh agus a' gabhail suim anns a' chànan agus sa chultar.