
Mura cuidich riaghaltasan iasgairean le prìs àrd a' chonnaidh tha iad ag ràdh nach urrainn dhaibh cumail a' dol oir cha phàigh e dhaibh a dhol gu muir.
Tha iad a' pàigheadh a thrì uimhir airson dìosal 's a bha iad nuair a bhuail Covid an economaidh, agus a dhà uimhir sa bha iad a' pàigheadh aig an àm-sa an-uiridh.
Tha na h-iasgairean ag ràdh nach eil mar a gheàrr an Seansalair cìs a' chonnaidh a' dol fada gu leòr agus gun toir prìsean àrda buaidh air tèarainteachd bìdhe na rìoghachd cuideachd.
Tha prìs a' chonnaidh a' dol suas dhan h-uile duine againn, duine sam bith aig a bheil càraichean tha fìos aca air an sin, ach dha na iasgairean tha e air a dhol an-àirde gu mòr.
Dùblachadh
Ged a tha iasgairean a' faighinn dìosal nas saoire, tha e air dùblachadh bhon àm seo an-uiridh agus tha sin a' dèanamh diofar mòr nuair a tha thu a' toirt air bòrd na mìlltean liotair gach turas a thathar a' lìonadh nan tancaichean.
Agus leis gu bheil rudan eile a' toirt buaidh air an iasgach. leithid an droch shìde, dh'fhaodadh gun tig iad a-mach agus nach fhaigh iad sian - tha na cosgaisean aca a' dol suas gu mòr.
A bharrachd air an sin tha cosgaisean a' dol suas airson nan làraidhean a tha a' toirt an eisg a tha iad a' glacadh gu margaid. Tha iad a' call air a h-uile dòigh.
Tha cuid aca ag ràdh gu bheil e cho duillich dhaibh airgead a dhèanamh, gu bheil iad a' call airgead nuair a thig iad a-mach, agus gu bheil iad a' beachdachadh air ceangal aig na puirt ach an tig faochadh air choireigin.
Tha cuid aca air àireamh nan criuthaichean a gheàrradh airson feuchainn ri cosgaisean a chumail sìos, tha cuid aca a' toirt barrachd ùine anns na puirt mus tig iad a-mach agus tha cuid eile a' toirt na bàtaichean a-steach airson a bhith gan glanadh is gan càradh.
Faochadh
Tha iad ag iarraidh taic-airgid bhon riaghaltas airson faochadh a thoirt dhaibh.
Bheir an cogadh sa Ucràin buaidh air na gheibh sinn de bhiadh san fharsaingeachd. Tha na h-iasgairean ag ràdh gu bheil iasgach fhathast a' toirt earrainn mhath de bhiadh Bhreatainn chun a' bhùird. Mar sin, mura faigh iadsan a-mach chan fhaigh daoine an làmhan air.
Tha iad ag ràdh gum feum an riaghaltas beachdachadh air tèarainteachd bìdhe agus a bhith a' cuideachadh nan iasgairean oir tha pàirt chudromach aca ann a bhith a' cumail biadh air a' bhòrd