Podcastan iomain ùr

  • Air fhoillseachadh
Dealbh de Gary Innes
Fo-thiotal an deilbh,

Gary Innes

Chaidh sreath ùr de phodcastan camanachd fhoillseachadh le còmhraidhean le còignear a tha air a bhith gu mòr an sàs sa ghèam fad bhliadhnaichean.

Thòisich 'The Caman Connection' an-uiridh le Gary Innes a' stiùireadh chòmhraidhean le daoine an sàs sa spòrs. Seo an dàrna sreath de na podcastan air am foillseachadh.

Anns a' chiad fhear san t-sreath ùr, cluinnear bho Dhòmhnall Skinner nach maireann, a chaochail an t-seachdain seo.

Bha Mgr Skinner na cheann-suidhe agus na cheann-feadhna air Comann na Camanachd.

Sgeulachdan

Am measg nan sgeulachdan a bh' aig Dòmhnall, tha mar a chaillear dà chaman airgid a bhoineadh dhan teaghlach ann an teine. Tha na cinn-suidhe a' faighinn caman airgid nuair a tha iad deiseil agus bha an dà chaman seo san taigh aige sa Choingheal nuair a chaidh e na theine beagan bhliadhnaichean air ais.

Chaidh caman eile a chur air dòigh às dèidh mar a thàinig buidhnean camanachd còmhla.

shinty helmets

Anns na podcastan ri thighinn cluinnear mu bheatha Kerr Crawford bho sgioba Chaol Bhòid, Iain MacCoinnich bho Bhail' Ùr an t-Slèibh, agus Iain 'Pongo' Mac a' Mhaoilein à Baile a' Chaolais a bha a' cluich do Chamanachd an Òbain.

Gheibhear ceangal thuca tro làrach-lìn Chomann na Camanachd, taobh a-muigh agus air na meadhanan-sòisealta.